Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ris na sagartan, mic Aaroin, agus abair riu, Airson nam marbh cha salaichear neach sam bith dhibh am measg a shluaigh.
Ach airson a dhìlsean, a tha am fagas dha, eadhon airson a mhàthar, agus airson a athar, agus airson a mhic, agus airson a nighinn, agus airson a bhràthar,
Bidh iad naomh dan Dia, agus cha truaill iad ainm an Dè: oir tha iad a’ toirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, agus aran an Dè; uime sin bidh iad naomh.
Agus esan a tha na àrd-shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomh air a cheann, agus a choisrigeadh a chur an èididh uime, cha rùisg e a cheann, cha mhò a reubas e a aodach,
Bantrach no bean a chuireadh air falbh o a fear, no bean mhì-naomh, no strìopach, iad sin cha ghabh e: ach òigh de a shluagh fhèin gabhaidh e na mnaoi.
Labhair ri Aaron, ag ràdh, Ge bè air bith e ded shliochd nan ginealaichean, anns am bi gaoid sam bith, na tigeadh e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè:
Oir ge bè air bith duine anns am bi gaoid, cha tig e am fagas: duine dall, no bacach no aig a bheil sròn leacach, no nì sam bith a thuilleadh air a’ chòir,
Cha tig duine sam bith de shliochd Aaroin an sagart, anns a bheil gaoid, am fagas a thoirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine: tha gaoid ann, cha tig e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè.
Ach an taobh a‑staigh den roinn-bhrat cha tèid e, cha mhò a thig e am fagas don altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a‑chum nach truaill e m’ionadan naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.