Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.
Ach chuir an Tighearna a‑mach gaoth mhòr air an fhairge, agus bha onfhadh ro‑mhòr air an fhairge, ionnas gun do shaoil iad gum biodh an long air a briseadh.
An sin bha eagal air na maraichean agus ghlaodh iad gach duine ra dhia; agus thilg iad a‑mach am bathair a bha anns an luing don fhairge, a‑chum a h‑aotromachadh: ach chaidh Ionah sìos gu taobhan na luinge; agus laigh e, agus bha e na shuain chadail.
An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn.
Agus thubhairt iad gach aon ra chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid croinn, a‑chum gun aithnich sinn cò airson a tha an t‑olc seo air teachd oirnn. Mar sin thilg iad croinn, agus thuit an crannchur air Ionah.
An sin thubhairt iad ris, Innis dhuinn, guidheamaid ort, ciod a b’adhbhar don olc seo teachd oirnn; ciod as dreuchd dhut? Agus cia as a thàinig thu? Ciod as dùthaich dhut? Agus cò na daoine dem bheil thu?
An sin bha na daoine fo anbharr eagail, agus thubhairt iad ris, Carson a rinn thu seo? (Oir thuig na daoine gun do theich e o làthair an Tighearna; oir dh’innis e dhaibh.)
Agus thubhairt e riu, Togaibh suas mi, agus tilgibh a‑mach mi anns an fhairge; mar sin bidh an fhairge ciùin dhuibhse; oir tha fhios agam gur ann air mo shon-sa a tha an doineann mhòr seo oirbh.
Gidheadh dh’iomair na daoine gu cruaidh, a‑chum tilleadh gu tìr, ach cha b’urrainn iad; oir dh’fhàs onfhadh na fairge na bu mhò agus na bu mhò nan aghaidh.
Air an adhbhar sin, ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Guidheamaid ort, O Thighearna, na leig dhuinne bàsachadh airson anam an duine seo, agus na leig oirnn fuil neochiontach: oir rinn thusa, O Thighearna, mar a b’àill leat fhèin.