Seasaidh mi air m’fhaire, agus cuiridh mi mi fhèin air an tùr, agus feuchaidh mi ciod a their e rium, agus ciod a fhreagras mi nuair a chronaichear mi.
Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.
Seadh fòs, mar dhuine a thèid as an rathad le fìon, tha e uaibhreach, agus chan eil e a’ gabhail fois; a’ meudachadh a chìocrais mar an uaigh; agus mar am bàs chan fhaodar a shàsachadh; agus tha e a’ cruinneachadh da ionnsaigh nan uile chinneach, agus a’ tional dha fhèin nan uile shluagh.
Nach tog iad seo uile suas cosamhlachd na aghaidh, agus gnàth-fhacal tàmailteach ma thimcheall, ag ràdh, Is truagh dhàsan a mheudaicheas an nì nach leis fhèin! Cia fhad? Agus dhàsan a luchdaicheas e fhèin le criadh thiugh.
A chionn gun do chreach thu mòran chinneach, creachaidh uile iarmad nan cinneach thusa: airson fuil dhaoine, agus sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd-àiteachaidh.
Is an‑aoibhinn dhàsan a tha a’ toirt air a choimhearsnach òl, a tha a’ cur ris a chupain, agus ga chur air mhisg mar an ceudna, a‑chum gun amhairceadh e air a lomnochdaidh.
Tha thu air do lìonadh le nàire an àite glòire: òl thusa fòs, agus biodh do ro‑chraiceann air a leigeadh ris: riutsa tillear cupan làmh dheas an Tighearna; agus bidh sgeith nàireach air do ghlòir.
Oir nì ainneart Lebanoin do chòmhdachadh, agus cuiridh sgrios ainmhidhean eagal ort; airson fuil dhaoine, agus airson sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd-àiteachaidh.
Ciod an tairbhe a tha anns an ìomhaigh shnaidhte, gun do rinn am fear a dhealbh i a snaidheadh: anns an ìomhaigh leaghte, agus ann am fear-teagaisg nam breug, gun earbadh fear-dèanamh na h‑obrach seo aisde, a dhèanamh iodhalan balbha?
Is truagh dhàsan a tha ag ràdh ris an fhiodh, Dùisg: ris a’ chloich bhailbh, Èirich. An teagaisg i? Feuch, tha i air a’ cur thairis le òr agus airgead; agus chan eil anail air bith an taobh a‑staigh dhith.