Agus a‑rìs thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig ceithir carbadan a‑mach o eadar dhà shliabh; agus bu shlèibhtean umha na slèibhtean.
Agus fhreagair an t‑aingeal, agus thubhairt e rium, Is iad seo ceithir spioradan nan nèamh a tha a’ dol a‑mach o bhith nan seasamh an làthair Tighearna na talmhainn uile.
Thèid na h‑eich dhubha a tha ann a‑mach don tìr mu thuath, agus thèid na h‑eich gheala a‑mach nan dèidh; agus thèid na h‑eich bhalla-dhearg a‑mach ris an tìr mu dheas.
Agus chaidh na h‑eich bhalla-dhearg a‑mach, agus thairg iad imeachd a‑chum gun siùbhladh iad sìos agus suas air feadh na talmhainn. Agus thubhairt e, Falbhaibh, imichibh sìos agus suas air feadh na talmhainn. Is amhail a dh’imich iad sìos agus suas air feadh na talmhainn.
An sin ghairm e orm, agus labhair e rium, ag ràdh, Feuch, iad seo a tha ag imeachd gus an tìr mu thuath, chiùinich iad mo spiorad anns an tìr mu thuath.
Gabh dhiubhsan a tha den bhruid, de theaghlach Heldai, agus Thobiah, agus Iedaiah; agus falbhaidh tu air an là cheudna, agus thèid thu a‑steach do thaigh Iosiah mhic Shephaniah, a thill o Bhàbilon.
Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Feuch an duine don ainm am Meangan; agus fàsaidh e a‑nìos as àite, agus togaidh e teampall an Tighearna.
Togaidh eadhon esan teampall an Tighearna, agus gheibh e glòir, agus suidhidh e, agus riaghlaidh e air a rìgh-chathair; agus bidh e na shagart air a rìgh-chathair; agus bidh comhairle na sìthe eatorra araon.
Agus thig iadsan a tha fad as, agus togaidh iad ann an teampall an Tighearna; agus bidh fhios agaibh gun do chuir Tighearna nan sluagh mise dur n‑ionnsaigh. Agus thig seo gu crìch, ma bheir sibh gèill gu cùramach do ghuth an Tighearna ur Dia.