Nuair a chrìochnaich Ìosa air àithntean a thoirt dhan dà dheisciobal dheug aige, chaidh e air adhart às a sin a theagasg is a shearmonachadh anns na bailtean aca.
tha na doill a' faighinn fradhairc, agus na bacaich a' coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a' cluinntinn, na mairbh air an togail suas, agus an soisgeul air a shearmonachadh dha na bochdan.”
Fhad 's a bha iadsan a' falbh, thòisich Ìosa air bruidhinn ris an t‑sluagh mu dheidhinn Eòin, ag ràdh, “Dè a chaidh sibh a‑mach dhan fhàsach a dh'fhaicinn? Cuilc air a crathadh leis a' ghaoith?
Dè ma‑thà a chaidh sibh a‑mach a dh'fhaicinn? Duine air èideadh ann an aodach mìn? Seall, tha iadsan air a bheil aodach mìn ann an lùchairtean rìghrean.
“Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, nam measg‑san a rugadh o mhnathan, chan eil neach sam bith nas motha na Eòin Baistidh air èirigh suas; ach a dh'aindeoin sin tha an neach as lugha ann an rìoghachd Dhè nas motha na esan.
“Ach cò ris a shamhlaicheas mise an ginealach seo? Tha e coltach ri cloinn a tha nan suidhe sna h‑ionadan‑margaidh, agus ag èigheach ri chèile, ag ràdh:
Thàinig Mac an Duine ag ithe 's ag òl, agus thuirt iad, ‘Seall, craosaire agus drungaire, caraid chìs‑mhaor is pheacach.’ Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a gnìomhan.”
An uair sin thòisich e air na bailtean far an deach a mhòr‑chuid dhe na h‑obraichean cumhachdach aige a dhèanamh a chronachadh, a chionn 's nach do rinn iad aithreachas.
“Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a chaidh a dhèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh ann an sac‑aodach 's ann an luaithre.
Agus thusa, a Chapernàum, am bi thu air do thogail suas a nèamh? Thèid do thoirt sìos a dh'Ifrinn. Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a chaidh a dhèanamh annadsa air an dèanamh ann an Sodom, nach maireadh e gus an‑diugh?
Aig an àm sin thuirt Ìosa, “Tha mi a' toirt taing dhut, O Athair, a Thighearna nèimh is na talmhainn, gun do dh'fhalaich thu na rudan seo o dhaoine glic is tuigseach agus gun do dh'fhoillsich thu iad do leanabanan.
Chaidh a h‑uile rud a thoirt dhòmhsa lem Athair, agus chan aithne do neach sam bith am Mac ach an t‑Athair; cha mhotha as aithne do neach sam bith an t‑Athair ach am Mac agus neach sam bith dhan toigh leis a' Mhac fhoillseachadh.