Tiomnadh Nuadh 2017
|
| 1 |
| A‑nis, às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a bhreith ann an Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, seallaibh, thàinig Magi on àird an ear gu Ierusalem |
| 2 |
| ag ràdh, “Càit a bheil esan a rugadh na Rìgh nan Iùdhach? Oir chunnaic sinne a rionnag anns an àird an ear agus tha sinn air tighinn a thoirt adhraidh dha.” |
| 3 |
| Nuair a chuala an Rìgh Herod seo, bha e fo dhragh mòr, agus Ierusalem gu lèir còmhla ris. |
| 4 |
| Agus às dèidh dha na h‑àrd‑shagartan is sgrìobhaichean an t‑sluaigh gu lèir a chruinneachadh ri chèile, dh'fhaighnich e dhaibh càit an robh an Crìosd gu bhith air a bhreith. |
| 5 |
| Thuirt iad ris, “Ann am Betlehem Iudèa, oir is ann mar seo a chaidh a sgrìobhadh leis an fhàidh: |
| 6 |
| ‘Agus thusa, a Bhetlehem, ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah; oir asadsa thig riaghladair a threòraicheas mo shluagh Israel.’ ” |
| 7 |
| An uair sin ghairm Herod gu dìomhair air na Magi agus fhuair e a‑mach uapa gu mionaideach an t‑àm anns an do nochd an rionnag. |
| 8 |
| Agus chuir e gu Betlehem iad, ag ràdh, “Thallaibh agus coimheadaibh gu dìcheallach airson a' phàiste, agus nuair a tha sibh air fhaighinn, innsibh dhòmhsa, airson 's gun tig mise cuideachd agus gun dèan mi adhradh dha.” |
| 9 |
| Às dèidh èisteachd ris an rìgh, dh'fhalbh iad; agus, seallaibh, chaidh an rionnag a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an àite far an robh am pàiste. |
| 10 |
| Nuair a chunnaic iad an rionnag, rinn iad gàirdeachas anabarrach le aoibhneas mòr. |
| 11 |
| Agus a' dol a‑steach dhan taigh, chunnaic iad am pàiste còmhla ri Moire a mhàthair, agus thuit iad sìos is rinn iad adhradh dha. An uair sin, a' fosgladh nan ionmhasan aca, thairg iad tiodhlacan dha: òr is tùis is mirr. |
| 12 |
| Agus às dèidh dhaibh rabhadh fhaighinn ann an aisling — gun tilleadh gu Herod — dh'fhàg iad airson an dùthaich fhèin air slighe eile. |
| 13 |
| A‑nis nuair a bha iad air fàgail, seallaibh, nochd aingeal leis an Tighearna ri Iòsaph ann an aisling, ag ràdh, “Èirich! Gabh am pàiste agus a mhàthair, is teich dhan Èipheit, agus fan an sin gus an innis mise dhut, oir tha Herod a' dol a choimhead airson a' phàiste, airson cur às dha.” |
| 14 |
| Agus dh'èirich e, agus ghabh e am pàiste is a mhàthair anns an oidhche agus chaidh e dhan Èipheit |
| 15 |
| agus dh'fhan e an sin gu bàs Heroid. Bha sin airson 's gun deigheadh an rud a bha an Tighearna air a ràdh tron fhàidh a choileanadh: “A‑mach às an Èipheit ghairm mi mo mhac.” |
| 16 |
| An uair sin nuair a chunnaic Herod gun robh na Magi air a char a thoirt às, thàinig fearg mhòr air. Agus chuir e feadhainn uaithe is mharbh e na bha de bhalaich ann am Betlehem agus sa cheàrnaidh sin uile a bha dà bhliadhna a dh'aois is fodha, a rèir an ama a bha e air fhaighinn a‑mach gu mionaideach o na Magi. |
| 17 |
| An uair sin choileanadh na chaidh a ràdh le Ieremiah am fàidh: |
| 18 |
| “Chaidh guth a chluinntinn ann an Rama, caoineadh, agus caoidh ro‑mhòr, Rachel a' caoineadh airson a cloinne, agus dhiùlt i sòlas a ghabhail, a chionn 's nach eil iad ann tuilleadh.” |
| 19 |
| Ach nuair a chaochail Herod, seall, nochd aingeal leis an Tighearna ann an aisling ri Iòsaph anns an Èipheit |
| 20 |
| ag ràdh, “Èirich, thoir leat an leanabh agus a mhàthair, agus thalla gu tìr Israeil, oir fhuair iadsan a bha a' sireadh beatha an leanaibh bàs.” |
| 21 |
| Mar sin dh'èirich esan agus thug e leis an leanabh 's a mhàthair, agus chaidh e gu tìr Israeil. |
| 22 |
| Ach nuair a chuala e gu robh Archelaus a' riaghladh ann an tìr Iudèa an àite Heroid athair, bha an t‑eagal air a dhol an sin. Ach às dèidh dha rabhadh fhaighinn ann an aisling, thill e gu sgìre Ghalile, |
| 23 |
| agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.” |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicatn/matthew/002.mp3
28
2