Agus nuair a chaidh e a‑mach mu thimcheall na h‑aon-uaire-deug, fhuair e dream eile nan seasamh dìomhanach, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur seasamh an seo feadh an là dìomhanach?
Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh-se mar an ceudna don ghàrradh-fhìona, agus ge bè nì a tha ceart, gheibh sibh e.
Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.
Mar sin bidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a tha air thoiseach air dheireadh: oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.
Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad a‑chum bàis e.
Agus thubhairt esan rithe, Ciod a b’àill leat? Thubhairt i ris, Abair gun suidh iad seo mo dhithis mhac, fear aca air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad rìoghachd.
Ach fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air a’ chupan sin òl a dh’òlas mise, agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise? Thubhairt iad ris, Tha sinn comasach.
Agus thubhairt esan riu, Olaidh sibh gu deimhinn dem chupan-sa, agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise: ach suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin a thabhairt, ach dhaibhsan dom bheil e air ullachadh lem Athair.
Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha fhios agaibh gu bheil aig uachdarain nan Cinneach tighearnas orra, agus gu bheil aig an daoine mòra smachd orra.
Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
Agus, feuch, dithis dhaoine dall, a bha nan suidhe ri taobh na slighe, nuair a chuala iad gu robh Iosa a’ dol seachad, ghlaodh iad, ag ràdh, Dèan tròcair oirnne, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh.