Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
|
| 1 |
| Agus fhreagair Iosa, us labhair e riu rithist ann an dubhfhacail, a g-radh: |
| 2 |
| Tha rioghachd fhlathanais coltach ri righ, a rinn banais dha mhac. |
| 3 |
| Agus chuir e sheirbhisich a ghairm na feadhnach a fhuair cuireadh thun na bainnse, ʼs cha bʼaill leo tighinn. |
| 4 |
| A rithist chuir e seirbhisich eile, a g-radh: Abraibh riusan a fhuair cuireadh: Seall, dheasaich mi mo dhinneir, tha mo dhaimh ʼs mo spreidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha gach ni reidh; thigibh thun na bainnse. |
| 5 |
| Ach chuir iadsan suarach a ghairm; us dhʼfhalbh iad, fear gu thuathanas, agus fear eile gu mharsantachd. |
| 6 |
| Agus rug a chuid eile dhiu air a sheirbhisich, ʼs an deigh taire a thoirt daibh, mharbh iad iad. |
| 7 |
| Ach nuair a chual an righ so, ghabh e fearg: ʼsa cur bhuaithe armailtean sgrios e na murtairean sin, agus loisg e am baile aca. |
| 8 |
| An sin thuirt e ri sheirbhisich: Tha bhanais gu dearbh deas, ach cha bʼairidh iadsan, a bhʼ air an cuireadh. |
| 9 |
| Rachaibh ma ta thun nan rathaidean mora, agus a mhiad ʼsa gheobh sibh, gairmibh iad thun na bainnse. |
| 10 |
| Agus na seirbhisich a gabhail a mach gus na rathaidean mora, chruinnich iad a h-uile h-aon a fhuair iad, eadar olc us mhath, agus lionadh tigh-na-bainnse le aoidhean. |
| 11 |
| Agus chaidh an righ a stigh a dhʼfhaicinn nan aoidhean, agus chunnaic e fear an sin air nach robh eideadh bainnse. |
| 12 |
| Us thuirt e ris: A charaid, ciamar thainig thu stigh an so gun eideadh bainnse ort? Ach dhʼfhan esan ʼna thosd. |
| 13 |
| An sin thuirt an righ ris an luchd-fhrithealaidh: Ceanglaibh a lamhan ʼs a chasan, agus tilgibh e an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal agus giosgan fhiacal. |
| 14 |
| Oir tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh. |
| 15 |
| An sin dhʼfhalbh na Phairisich, us chuir iad an comhairle ri cheile, fiach an glacadh iad e ʼna bhriathran. |
| 16 |
| Agus chuir iad ga ionnsuidh an deisciopuil fhein comhla ri luchd-leanmhuinn Heroid, a g-radh: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs gum beil thu teagasg slighe Dhe ann am firinn, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith; oir cha n-eil thu sealltuinn air pearsa dhaoine. |
| 17 |
| Innis ma ta do bheachd dhuinn, am beil e ceadaichte cis a thoirt do Cheasar, no nach eil? |
| 18 |
| Ach Iosa a tuigsinn am mi-ruin, thuirt e riu: Car-son a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean? |
| 19 |
| Fiachaibh dhomh bonn na cìse. Agus dhʼfhiach iad dha sgilinn. |
| 20 |
| Us thuirt Iosa riu: Co leis an iomhaigh agus an sgriobhadh mun cuairt di? |
| 21 |
| Thuirt iad ris: Le Ceasar. An sin thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Cheasar na bhuineas do Cheasar, agus do Dhia na bhuineas do Dhia. |
| 22 |
| ʼSa cluinntinn so, ghabh iad iongantas, agus ga fhagail, shiubhail iad. |
| 23 |
| Air an latha sin fhein thainig na Sadusaich, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann, ga ionnsuidh, agus dhʼ fhaighnich iad dheth, |
| 24 |
| A g-radh: A Mhaighistir, thuirt Maois; Ma gheobh duine bàs gun chloinn aige, posadh a bhrathair a bhean aige, agus togadh e sliochd dha bhrathair. |
| 25 |
| A nis bha seachdnar bhraithrean ʼnar measg-ne; agus chaochail a chiad fhear an deigh dha bean a phosadh; ʼs bho nach robh sliochd aige, dhʼfhag e a bhean dha bhrathair. |
| 26 |
| Agus thachair an ni ciadna doʼn darna, ʼs doʼn treas fear, gu ruig an seachdamh fear. |
| 27 |
| Agus mu dheireadh uile fhuair a bhean bàs cuideachd. |
| 28 |
| Anns an aiseirigh ma ta co am fear deʼn t-seachdnar aig am bi i ʼna mnaoi? oir bha i na mnaoi aca uile. |
| 29 |
| Ach Iosa a freagairt, thuirt e riu: Tha sibh am mearachd le cion eolais air na sgriobturan, ʼs air cumhachd Dhe. |
| 30 |
| Oir anns an aiseirigh cha phos iad, cha mhua phosar iad: ach bithidh iad mar ainglean Dhe air neamh. |
| 31 |
| Ach mu dheidhinn aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh mar thuirt Dia, ʼs e labhairt ribh: |
| 32 |
| Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib? Cha n-e Dia nam marbh e, ach nam beo. |
| 33 |
| Agus an sluagh a cluinntinn so, ghabh iad ioghnadh ri theagasg. |
| 34 |
| Ach nuair a chuala na Phairisich gun do chuir e na Sadusaich ʼnan tosd, thionail iad ri cheile; |
| 35 |
| Us dhʼfharraid fear dhiu, ollamh san lagh, dheth, ga bhuaireadh: |
| 36 |
| A Mhaighistir, co i an fhainte is mua san lagh? |
| 37 |
| Thuirt Iosa ris: Bheir thu gaol doʼn Tighearna do Dhia le tʼ uile chridhe, le tʼ uile anam, ʼs le tʼ uile inntinn. |
| 38 |
| Si so an fhainte is mua agus a chiad fhainte. |
| 39 |
| Agus tha ʼn darna fainte coltach rithe: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein. |
| 40 |
| Ris an dà fhainte so tha an lagh uile agus na faidhean an crochadh. |
| 41 |
| Agus nuair bha na Phairisich cruinn, dhʼfhaighnich Iosa dhiu, |
| 42 |
| A g-radh: Ciod e ur barail-se mu Chriosta? Co dha is mac e? Thuirt iad: Do Dhài. |
| 43 |
| Thuirt e riu: Ciamar ma seadh tha Dài san Spiorad a cantuinn a Thighearna ris, a g-radh: |
| 44 |
| Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol-chas dhut? |
| 45 |
| Ma tha Dài ma ta cantuinn a Thighearna ris, ciamar a tha e ʼna mhac dha? |
| 46 |
| ʼS cha bʼurrainn do dhuine facal freagairt a thoirt da: cha mhua a bha chridhe aig duine sa bith bhoʼn latha sin suas a cheasnachadh. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelic1875/matthew/022.mp3
28
22