An sin, nuair a chunnaic Iùdas, a bhrath e, gun do dhìteadh e, ghabh e aithreachas, agus thug e air an ais na deich-buinn-fhichead airgid do na h‑àrd-shagartan, agus do na seanairean,
(An sin choileanadh an nì a labhradh le Ieremias am fàidh, ag ràdh, Agus ghabh iad na deich-buinn-fhichead airgid, luach an tì a mheasadh, neach a mheas iadsan a bha de chloinn Israeil.
Agus sheas Iosa an làthair an uachdarain: agus dh’fhiosraich an t‑uachdaran dheth, ag ràdh, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu.
Air an adhbhar sin, nuair a bha iad cruinn an ceann a chèile, thubhairt Pilat riu, Cò as àill leibh mise a chur fa sgaoil dhuibh? Barabas, no Iosa, den goirear Crìosd?
Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.
Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh-se sin.
Agus air dhaibh crùn droighinn fhighe, chuir iad ma cheann e, agus slat chuilce na làimh dheis: agus lùb iad an glùn na làthair, agus rinn iad fanaid air, ag ràdh, Gum beannaichear thu, a Rìgh nan Iùdhach!
Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan eatorra, a’ tilgeadh crannchuir: a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, Roinn iad m’aodach eatorra, agus chuir iad crannchur air mo bhrat.
Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?
A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.
Òrdaich, uime sin, an uaigh a bhith air a coimhead gu cinnteach gus an treas là, air eagal gun tig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun goid iad leo e, agus gun abair iad ris an t‑sluagh, Dh’èirich e o na mairbh: agus mar sin bidh am mearachd dheireannach nas miosa na an ciad mhearachd.