Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
|
| 1 |
| ʼSa faicinn an t-sluaigh, chaidh e suas gu beinn, ʼs nuair a shuidh e, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh. |
| 2 |
| ʼSa fosgladh a bheoil, theagaisg e iad, a g-radh: |
| 3 |
| Is beannaichte iadsan, a tha bochd ʼnan Spiorad: bhon is leo rioghachd Dhe. |
| 4 |
| Is beannaichte na daoine ciuin: bho na gheobh iad seilbh air an talamh. |
| 5 |
| Is beannaichte luchd a bhròin: bho na gheobh iad sòlas. |
| 6 |
| Is beannaichte iadsan air am beil acras agus pathadh a cheartais: bho na gheobh iad an lan-riarachadh. |
| 7 |
| Is beannaichte luchd na trocaire: bho na gheobh iad trocair. |
| 8 |
| Is beannaichte luchd a chridhe ghlain: bho na chi iad Dia. |
| 9 |
| Is beannaichte luchd dianamh na sithe: bho na theirear clann De riu. |
| 10 |
| Is beannaichte an fheadhainn a dhʼ fhuiligeas geur-leanmhuinn air son a cheartais: bhon is leo rioghachd fhlathanais. |
| 11 |
| Is beannaichte sibhse nuair a chàineas iad sibh, ʼsa ni iad geur-leanmhuinn oirbh, ʼsa their iad h-uile olc ʼnur n-aghaidh gu briagach as mo lethse: |
| 12 |
| Biodh aighear us aoibhneas oirbh, oir is ro-mhor ur duais am flathanas. Oir ʼsann mar sin a rinn iad geur-leanmhuinn air na faidhean a bha romhaibh. |
| 13 |
| Is sibhse salann an talmhuinn. Ach ma chailleas an salann a bhlas, co leis a shaillear e? Cha n-eil tuille feum ann, ach a bhith air a thilgeadh a mach, ʼs air a shaltairt fo chasan dhaoine. |
| 14 |
| Is sibhse solus an t-saoghail. Cha n-urrainn baile a thogar air beinn a bhith am falach. |
| 15 |
| Cha mhua lasar coinneal, ʼsa chuirear i fo shaghach, ach air coinnleir, gu solus a thoirt do mhuinntir an tighe uile. |
| 16 |
| Dearrsadh mar sin ur solus an lathair dhaoine, los gum faic iad ur deagh-oibrichean, ʼs gun toir iad gloir dha ur n-Athair, a tha air neamh. |
| 17 |
| Na saoilibh gun tainig mi a bhristeadh an lagha, no nam faidhean: cha n-ann a bhristeadh, ach a choimhlionadh a thainig mi. |
| 18 |
| Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh, gus an teid neamh us talamh seachad, nach teid aon lide no aona phong deʼn lagh seachad, gus an coimhlionar a h-uile ni. |
| 19 |
| Uime sin an neach a bhristeas air an aon is lugha de na faintean so, agus a theagaisgeas mar sin do dhaoine, theirear an urra is lugha ris ann an rioghachd fhlathanais. Ach esan a ni ʼsa theagaisgeas, theirear urra mhor ris an rioghachd fhlathanais. |
| 20 |
| Oir tha mi g-radh ribh, mur toir ur ceartas barrachd air ceartas nan Sgriobhach ʼs nam Phairiseach, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais. |
| 21 |
| Chuala sibh gun tuirteadh ris na seanairean: Na dian murt: agus ge bʼe neach a ni murt, bithidh e an cunnart a bhreitheanais. |
| 22 |
| Ach tha mise g-radh ribh, gum bi neach air bith, aig a bheil fearg ri bhrathair, an cunnart a bhreitheanais. Us neach air bith a their ri bhrathair, Raca, bithidh e an cunnart na comhairle. Us neach air bith a their, amadain, bithidh e an cunnart teine iutharna. |
| 23 |
| Uime sin ma bhios tu tairgse do ghibht aig an altair, ʼs gun cuimhnich thu an sin gu bheil rudeigin aig do bhrathair ad aghaidh: |
| 24 |
| Fag an sin do thobhartas air bialaobh na h-altrach, agus falbh an toiseach a dhianamh reite ridʼ bhrathair; ʼs an sin a tighinn tairgidh thu do thobhartas. |
| 25 |
| Dian reite ri dʼ namhaid gu h-ealamh, fhad ʼsa tha thu san t-slighe marris: eagal ma dhʼfhaoidte gun liubhair an namhaid thu doʼn bhritheamh, ʼs gun liubhair am britheamh thu doʼn mhaor, ʼs gun tilgear thu am priosan. |
| 26 |
| Gu firinneach tha mi g-radh riut, nach teid thu mach as a sin gus am paidh thu an fheoirlinn mu dheireadh. |
| 27 |
| Chuala sibh gun deach a radh riu bho shean: Na dian adhaltras. |
| 28 |
| Ach tha mise radh ribh, ge bʼe neach a sheallas air boirionnach gus a sanntachadh, gun dʼrinn e adhaltras rithe cheana ʼna chridhe. |
| 29 |
| Agus ma bheir do shuil dheas sgainneal dhut, spion asad i, us tilg bhuat i: oir is fhearr dhut gun rachadh a h-aon dhe dʼ bhuill a dhith, na gun tilgte do cholunn uile a dhʼiutharna. |
| 30 |
| Agus ma bheir do lamh dheas sgainneal dhut, gearr dhiot i, us tilg bhuat i: oir is fhearr dhut gun rachadh a h-aon dhe dʼ bhuill a dhith, na gun tilgte do cholunn uile a dhʼiutharna. |
| 31 |
| Agus chaidh a radh: Fear sam bith a chuireas air falbh a bhean, thugadh e litir-dhealachaidh dhi. |
| 32 |
| Ach tha mise cantuinn ribh, ge bʼe neach a chuireas air falbh a bhean, ach air son adhaltrais, gum beil e toirt oirre adhaltras a dhianamh: agus tha am fear a phosas an té a chuireadh air falbh a dianamh adhaltrais. |
| 33 |
| Chuala sibh a rithist gun tuirteadh riu bho shean: Na toir mionnan eithich: ach coimhlion do mhionnan doʼn Tighearna. |
| 34 |
| Ach tha mise g-radh ribh, na mionnaichibh idir, co dhiu ʼsann air neamh, bhon is e cathair Dhe: |
| 35 |
| No air an talamh, bhon is e stol a chas: no air Ierusalem, bhon is e baile an Righ mhoir: |
| 36 |
| Cha mhua mhionnaicheas tu air do cheann, a chionn nach urrainn dut aon fhuiltean a dhianamh geal no dubh. |
| 37 |
| Ach biodh ur briathran, Tha, tha; Cha n-eil, cha n-eil: agus na tha dol fos cionn sin, ʼsann bhoʼn olc a tha e. |
| 38 |
| Chuala sibh gun deach a radh: Suil air son sula, us fiacaill air son fiacla. |
| 39 |
| Ach tha mise a cantuinn ribh, gun chur an aghaidh an uilc: ach ma bhuaileas neach thu air do ghruaidh dheis, tionndaidh ris an té eile, |
| 40 |
| Agus ma ʼs aill le neach stri riut le lagh, agus do chota thoirt bhuat, leig do chleoc leis cuideachd. |
| 41 |
| Agus ge bʼe a bheir leis thu mile a dhʼaindeoin, theirig dà mhile eile comhla ris. |
| 42 |
| Thoir doʼn neach a dhʼiarras ort; ʼs na tionndaidh air falbh bhoʼn fhear a shireas coingheall ort. |
| 43 |
| Chuala sibh gun deach a radh: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach, agus fuath dha do namhaid. |
| 44 |
| Ach tha mise g-radh ribh: Thugaibh gaol dhaʼr naimhdean: dianaibh math doʼn fheadhainn a bheir fuath dhuibh, us guidhibh air son na feadhnach, a tha dianamh geur-leanmhuinn oirbh, agus guʼr caineadh: |
| 45 |
| Los gum bi sibh ʼnur cloinn ur n-Athar, a tha air neamh, a tha toirt air a ghrein eirigh air na daoine matha ʼs air na daoine olca, ʼsa tha sileadh an uisge do na daoine cearta agus do na daoine eucorach. |
| 46 |
| Oir ma ʼsann doʼn fheadhainn aig a bheil gaol oirbh a bheir sibh gaol, dé an duais a bhios agaibh? nach eil na cismhaoir fhein a dianamh so? |
| 47 |
| Agus ma ʼsann air ur braithrean a mhain a chuireas sibh fàilt, ciod am barrachd a tha sibh a dianamh? nach eil na paganaich a dianamh so? |
| 48 |
| Bithibh ma ta coimhlion, mar a tha ur n-Athair air neamh coimhlion. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelic1875/matthew/005.mp3
28
5