Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean.
Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh.
Agus bha e anns an fhàsach airson ceathrad latha air a bhuaireadh leis an t‑Sàtan. Agus bha e còmhla ri na beathaichean fiadhaich, agus bha na h‑ainglean a' frithealadh dha.
Agus bha iad uile fo uimhir de dh'iongnadh is gun do dh'fhaighnich iad do chàch‑a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr le ùghdarras! Tha e fiù 's a' toirt òrdugh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.”
Agus leighis e mòran a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis, agus thilg e a‑mach mòran dheamhain, agus cha cheadaicheadh e dha na deamhain bruidhinn, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.
Agus thuirt esan riutha, “Rachamaid air adhart gu na bailtean a tha faisg air làimh, airson 's gum faod mi searmonachadh an sin cuideachd. Oir is ann airson seo a thàinig mi.”
Agus thuirt e ris, “Feuch nach innis thu rud sam bith do neach sam bith. Ach thalla agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus mar fhianais dhaibh, tairg na dh'àithn Maois airson do ghlanaidh.”
Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.