Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.
Ach nuair a chunnaic Ìosa seo bha e diombach agus thuirt e riutha, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa; na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.
Fhad 's a bha e a' tòisicheadh air a shlighe, ruith duine suas thuige agus chaidh e sìos air a ghlùinean ma choinneamh, agus dh'fhaighnich e dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”
Is aithne dhut na h‑àitheantan: ‘Na dèan murt, na dèan adhaltranas, na goid, na toir fianais‑bhrèige, na dèan foill, thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair.’ ”
Agus a' coimhead air, ghràdhaich e e, agus thuirt e, “Tha aon rud a dhìth ort: thalla, reic na th' agad agus thoir dha na bochdan, agus bidh ionmhas agad air nèamh, agus trobhad 's lean mise.”
Thuirt Ìosa, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh'fhàg taigh no bràithrean no peathraichean no màthair no athair no clann no achaidhean, air mo shon‑sa agus airson an t‑soisgeil,
nach fhaigh a cheud uiread san àm seo fhèin (taighean is bràithrean is peathraichean is màthraichean is clann is achaidhean — cuide ri geur‑leanmhainnean) agus, san linn ri thighinn, a' bheatha shìorraidh.
Bha iad air an rathad a' dol suas gu Ierusalem, agus bha Ìosa a' coiseachd air thoiseach orra; agus ghlac iongnadh iad, agus bha iadsan a bha a' leantainn fo eagal. Agus a‑rithist a' toirt an dà fhear dheug air leth, thòisich e air na rudan a bha a' dol a thachairt innse dhaibh,
ag ràdh, “Seall, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad gu bàs e agus bheir iad thairis dha na Cinnich e.
Thuirt Ìosa riutha, “Chan eil fios agaibh dè a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air an cupa òl a dh'òlas mise, no a bhith air ur baisteadh leis a' bhaisteadh leis an tèid mise a bhaisteadh?”
Thuirt iadsan ris, “Tha sinn an comas.” Ach thuirt Ìosa riutha, “An cupa a dh'òlas mise, òlaidh sibhse, agus leis a' bhaisteadh leis an tèid mise a bhaisteadh thèid sibhse a bhaisteadh,
Ghairm Ìosa thuige fhèin iad, agus thuirt e riutha, “Is aithne dhuibh gu bheil àrd‑thighearnas acasan a th' air am faicinn mar riaghladairean thar nan Cinneach thairis orra, agus gu bheil na daoine mòra aca a' cur ùghdarras an gnìomh thairis orra.
Oir cha tàinig fiù 's Mac an Duine airson 's gun deigheadh frithealadh a dhèanamh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus airson a bheatha fhèin a thoirt mar èirig airson mhòrain.”
An uair sin thàinig iad gu Iericho. Agus fhad 's a bha Ìosa 's a dheisciobail is sluagh mòr a' fàgail Iericho, bha Bartimèus (is e sin mac Thimèuis), dèirceach dall, na shuidhe ri taobh an rathaid.