Cho luath 's a thàinig a' mhadainn chùm na h‑àrd‑shagartan, còmhla ri na h‑èildearan, na sgrìobhaichean agus a' Chomhairle gu lèir, co‑chomhairle. Cheangail iad Ìosa agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat e.
Mar sin, ag iarraidh an sluagh a shàsachadh, leig e mu sgaoil Barabas dhaibh, agus às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a sgiùrsadh, thug e thairis e airson 's gum biodh e air a cheusadh.
Cho‑èignich iad duine a bha a' dol seachad, Sìmon o Chirène, athair Alecsandair is Rùfais, a bha a' tighinn a‑steach bhon dùthaich, airson crann‑ceusaidh Ìosa a ghiùlain.
Agus rinn iadsan a bha a' dol seachad magadh air, a' crathadh an cinn agus ag ràdh, “Ha! Thusa a leagadh an teampall agus a thogadh e ann an trì latha,
San aon dòigh rinn na h‑àrd‑shagartan le na sgrìobhaichean magadh air nam measg fhèin, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shàbhaladh.
Agus aig trì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eloi, Eloi, lema sabachtani? ” a tha a' ciallachadh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”
Ruith fear dhiubh agus lìon e spong le fìon‑geur, agus chuir e air slat cuilce e; thug e dha e ri òl, ag ràdh, “Leigibh leis, faiceamaid an tig Eliah ga thoirt a‑nuas.”
Agus nuair a chunnaic an ceannard‑ceud, a bha na sheasamh ma choinneamh, gun tug e suas an deò san dòigh seo, thuirt e, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”
thàinig Iòsaph o Arimatèa, ball urramach dhen Chomhairle, a bha e fhèin cuideachd a' feitheamh airson rìoghachd Dhè, agus a' gabhail misneachd chaidh e a‑steach gu Pìlat, is dh'iarr e corp Ìosa.
Cheannaich Iòsaph anart, agus thug e a‑nuas e, agus shuain e ann an anart e, agus chuir e ann an tuam e a bh' air a ghearradh à creig. Agus roilig e clach an aghaidh beul an tuama.