Agus thòisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; us thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor ʼsa dol air bord saghaich air a mhuir, gun do shuidh e, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir;
Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dhʼfhas e suas, us chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.
Air chor ʼsa faicinn gum faiceadh iad, ʼs nach bu leir dhaibh; ʼsa cluinntinn gun cluinneadh iad, ʼs nach tuigeadh iad: eagal gun tionndadh iad uair air bith, ʼs gum mathte dhaibh am peacannan.
Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, us sgobaidh e air falbh am facal a chuireadh ʼnan cridheachan.
Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas:
ʼS cha n-eil friamh aca; unnta fhein, ach mairidh iad car tamuill; agus an deigh sin nuair a dhʼeirgheas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a gabhail sgainneil san uair.
Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nichean eile dol a stigh ʼsa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh.
Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, ʼsiad sin iadsan a dhʼeisdeas ris an fhacal, ʼsa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.
Us thuirt e riu: Thugaibh an aire do ʼn rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuille ris dhuibh.
ʼS an deigh a cur, fàsaidh i suas, us cinnidh i nas mua na h-uile luibh, us cuiridh i mach giagan mora, ionnus ʼs gum faod eoin an athair tamh fo ʼsgàile.
Agus bha esan an deireadh an eathair ʼna chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil omhail agad gu bheil sinn a dol a dhith?
Us thuirt e riu: Car-son a tha eagal oirbh? nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; us thuirt iad ri cheile: Co, a shaoileas tu, is e so, chionn tha ghaoth araon agus a mhuir umhailt dha?