Agus ma thig iad bhoʼn mhargadh, cha n-ith iad gun ionnlad; ʼs tha ioma ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, us phoitean, us shoitheachan pràise, us leabaichean.
Agus dhʼfharraid na Phairisich ʼs na Sgriobhaich dheth: Car-son nach eil do dheisciopuil a g-imeachd air reir beul-aithris nan seanairean, ach a g-ithe arain le lamhan gun nighe?
Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Is math a dhʼfhaisnich Isaias muʼr deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgribhte: Tha ʼm pobull so toirt urraim dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.
Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, us chupaichean; agus moran nichean eile de ʼn leithidean sin tha sibh a dianamh.
Cha n-eil ni a dol a stigh ann an duine bhoʼn taobh-mach, a ʼs urrainn a thruailleadh: ach ʼsiad na nichean a tha tighinn a mach á duine, a tha truailleadh an duine.
Us thuirt e riu: Am beil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sa bith a dol a stigh ann an duine bhoʼn taobh-mach, a ʼs urrainn a thruailleadh:
ʼSa g-eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; ʼsa dol a stigh do thigh, cha bʼaill leis gum biodh brath aig duine sa bith air, agus cha bʼurrainn e bhith am falach.
Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseach: oir cha n-eil e math aran na cloinne a ghabhail, ʼsa thilgeadh thun nan con.