Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.
Nuair a gheibh thu cuireadh o neach air bith a‑chum bainnse, na suidh anns a’ chiad àit; air eagal gun d’fhuair duine as urramaiche na thusa cuireadh uaithe;
Agus gun tig an tì a thug cuireadh dhutsa agus dhàsan, agus gun abair e riut, Thoir àite don duine seo; agus gun tòisich thusa an sin le nàire air suidhe anns an àit as ìsle.
Ach nuair a gheibh thu cuireadh, imich agus suidh anns an àit as ìsle; a‑chum, nuair a thig esan a thug cuireadh dhut, gun abair e riut, A charaid, suidh suas nas àirde: an sin gheibh thu urram an làthair na muinntir a tha nan suidhe air bòrd maille riut.
An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd-dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna.
Agus nuair a chuala aon de na shuidh maille ris air bòrd na nithean sin, thubhairt e ris, Is beannaichte an tì sin a dh’itheas aran ann an rìoghachd Dhè.
Agus thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thubhairt an ciad fhear ris, Cheannaich mi fearann, agus is èiginn dhomh dol a‑mach agus fhaicinn: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.
Agus thàinig an seirbhiseach sin, agus dh’innis e na nithean sin da thighearna. An sin air gabhail feirge do fhear-an‑taighe, thubhairt e ra sheirbhiseach, Gabh a‑mach gu grad gu sràidean agus gu caol-shràidean a’ bhaile, agus thoir a‑steach an seo na bochdan, agus na daoine ciurramach, agus na bacaich, agus na doill.
Agus thubhairt an tighearna ris an t‑seirbhiseach, Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co‑èignich iad gu teachd a‑steach, a‑chum gum bi mo thaigh air a lìonadh.
Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Oir cò am fear agaibhse leis am miann tùr a thogail, nach suidh sìos air tùs, agus nach meas an costas, a dh’fheuchainn a bheil aige na chuireas crìoch air?
No cò an rìgh, aig dol a‑mach dha gu cogadh an aghaidh rìgh eile, nach suidh sìos air tùs, agus nach gabh comhairle, a dh’fheuchainn an urrainn e le deich mìle coinneamh a thoirt dhàsan a tha a’ teachd le fichead mìle na aghaidh?