Dh'innis Ìosa an uair sin a' chosamhlachd seo do chuid a bha ag earbsa asta fhèin gun robh iad nam fìreanan, agus a bha a' cur feadhainn eile ann an suarachas:
Sheas am Pharasach agus rinn e an ùrnaigh seo ris fhèin: ‘A Dhè, tha mi a' toirt taing dhut nach eil mi mar a tha daoine eile — sanntach, eucorach, adhaltranach — no fiù 's coltach ris a' chìs‑mhaor seo.
“Ach, a' seasamh fad' às, cha togadh an cìs‑mhaor fiù 's a shùilean suas gu nèamh, ach bhuail e a chom, ag ràdh, ‘A Dhia, bi tròcaireach riumsa, am peacach!’
“Tha mi ag ràdh ribh, chaidh am fear seo sìos dha thaigh fhèin air fhìreanachadh, an àite an fhir ud eile. Oir a h‑uile neach a dh'àrdaicheas e fhèin, thèid ìsleachadh, agus an neach a dh'ìslicheas e fhèin, thèid àrdachadh.”
Ach ghairm Ìosa iad thuige fhèin agus thuirt e, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa, agus na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.
Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Reic a h‑uile rud a th' agad agus dèan roinn air am measg nam bochdan agus bidh ionmhas agad ann an nèamh, agus trobhad 's lean mise.”
Thuirt e riutha, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil aon neach a dh'fhàg taigh, no bean, no bràithrean, no pàrantan, no clann air sgàth rìoghachd Dhè
Thug e an dà fhear dheug gu aon taobh, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh a h‑uile rud a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.
Agus chronaich iadsan a bh' air thoiseach e, ag ràdh ris a bhith sàmhach, ach b' ann a bu mhotha buileach a dh'èigh esan, “A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”