Thuirt e riutha, “Seallaibh, nuair a tha sibh air a dhol a‑steach dhan bhaile, coinnichidh duine ribh a' giùlain soitheach uisge. Leanaibh e a‑steach dhan taigh dhan tèid e,
agus canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh ribh: “Càit a bheil an seòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?”’
Nuair a ghabh e thuige aran agus a thug e taing, bhris e e agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, “Is e seo mo chorp‑sa, a tha air a thoirt air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.”
Thuirt e riutha, “Tha tighearnas aig rìghrean nan Cinneach thairis orra, agus bidh tabhartaich air a thoirt orrasan aig a bheil ùghdarras thairis orra.
Oir cò aca as motha, an neach a shuidheas aig bòrd no esan a fhritheileas? Nach e am fear a shuidheas aig bòrd? Ach tha mise nur measg mar neach a nì frithealadh.
airson gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd‑sa nam rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.
Agus thuirt e riutha, “Nuair a chuir mi a‑mach sibh gun sporan, gun bhaga agus gun chuarain, an robh dìth rud sam bith oirbh?” Agus thuirt iad, “Cha robh dad.”
Thuirt esan riutha, “Ach a‑nis, ge b' e neach aig a bheil sporan, thoireadh e leis e, agus san aon dòigh baga. Agus an neach aig nach eil claidheamh, reiceadh e an t‑aodach‑uachdair aige agus ceannaicheadh e fear.
Oir tha mi ag ràdh ribh gum feum na chaidh a sgrìobhadh a bhith air a choileanadh annamsa: ‘Bha e air àireamh am measg nan ciontach. ’ Oir tha na tha seo mum dheidhinn‑sa ga choileanadh.”
Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, thàinig sluagh, agus bha am fear air an robh an t‑ainm Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, air an ceann. Thàinig e suas gu Ìosa airson a phògadh,
An uair sin thuirt Ìosa ris na h‑àrd‑shagartan, ri oifigearan an teampaill agus ris na h‑èildearan, a bha air tighinn air a shon, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean mar gum b' e gadaiche a bh' annam?
Ach nuair a chunnaic bana‑sheirbheiseach e na shuidhe ann an solas an teine, sheall i gu geur air agus thuirt i, “Bha am fear seo cuideachd còmhla ris.”
Mu uair a thìde às dèidh sin, thuirt cuideigin eile gu làidir, “Gu fìrinneach bha am fear seo cuideachd còmhla ris; oir is e Galilèach a tha annsan cuideachd.”
Agus thionndaidh an Tighearna is choimhead e air Peadar; agus chuimhnich Peadar air facal an Tighearna, mar a thuirt e ris: “Mun gairm coileach an‑diugh, àicheidh tu mi trì tursan.”
Nuair a thàinig an latha, chruinnich comhairle èildearan an t‑sluaigh, an dà chuid àrd‑shagartan agus sgrìobhaichean, còmhla. Agus thug iad esan chun na comhairle acasan.