Agus thòisich iad air casaidean a chur air, ag ràdh, “Fhuair sinn am fear seo a' cur ar nàisean air seachran agus gar bacadh o chìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd, a tha na rìgh.”
Nuair a chunnaic Herod Ìosa bha e fìor thoilichte, oir bha e a' miannachadh fhaicinn airson ùine mhòir air sgàth 's na chuala e ma dheidhinn agus bha e an dòchas fhaicinn‑san a' dèanamh comharra air choreigin.
An uair sin chuir Herod agus a shaighdearan ann an suarachas e agus rinn iad magadh air. Agus às dèidh a sgeadachadh ann an aodach àlainn, chuir e air ais gu Pìlat e.
agus thuirt e riutha, “Thug sibh thugamsa an duine seo, mar neach a tha a' tionndadh an t‑sluaigh a thaobh. Tha mi air a cheasnachadh nur làthair agus cha d' fhuair mi coire sam bith san duine seo a thaobh nan casaidean a tha sibh a' dèanamh na aghaidh.
Ach an treas uair thuirt e riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e? Cha d' fhuair mise ciont sam bith ann a tha airidh air bàs. Mar sin, peanasaichidh mi e agus leigidh mi mu sgaoil e.”
Leig e mu sgaoil an duine a bha air a bhith air a thilgeil dhan phrìosan airson ceannairc agus murt, an neach a dh'iarr iad, ach thug e thairis Ìosa dhan toil‑san.
Fhad 's a threòraich iad air falbh e, rug iad air fear Sìmon o Chìrene, a bha a' tighinn a‑steach on dùthaich; agus chuir iad an crann‑ceusaidh air, airson a ghiùlain às dèidh Ìosa.
Oir seall, tha na làithean a' tighinn anns an can iad, ‘Is beannaichte na boireannaich neo‑thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne!’
Nuair a thàinig iad chun an àite ris an canar An Claigeann, an sin cheus iad e, agus na h‑eucoraich — fear dhiubh air a làimh dheis agus am fear eile air a làimh chlì.
Agus sheas an sluagh a' coimhead, agus rinn na riaghladairean magadh air, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; sàbhaileadh e e fhèin, mas e seo Crìosd Dhè, am Fear Taghte.”
Nuair a chunnaic an sluagh uile a bh' air cruinneachadh airson an t‑seallaidh sin na rudan a chaidh a dhèanamh, thill iad air ais dhachaigh a' bualadh an cuim.