Agus a' gabhail an eagail, chrom iadsan an aghaidhean chun na talmhainn. Thuirt na daoine riutha, “Carson a tha sibh a' sireadh an fhir a tha beò am measg nam marbh?
‘Feumaidh Mac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rithist air an treas latha.’”
A‑nis b' iad Màiri Magdalen, Ioanna agus Màiri màthair Sheumais, agus na boireannaich eile a bha còmhla riutha, a dh'innis na rudan seo dha na h‑abstoil.
Ach dh'èirich Peadar agus ruith e chun an tuaim. Chrom e sìos agus chunnaic e na stiallan anairt leotha fhèin; agus dh'fhalbh e dhachaigh, a' gabhail iongnadh mu na bh' air tachairt.
An uair sin fhreagair fear dhiubh air an robh an t‑ainm Cleopas e, “An tusa an t‑aon neach‑tadhail ann an Ierusalem aig nach eil fios air na chaidh a dhèanamh an sin anns na làithean seo?”
Agus thuirt e riutha, “Dè na rudan?” “Na rudan a thachair do dh'Ìosa o Nàsaret, duine a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal mu choinneamh Dhè, agus an t‑sluaigh gu lèir.
Ach bha dòchas againne gum b' esan am fear a bha a' dol a shaoradh Israeil — seadh, agus a thuilleadh air a seo uile, is e an‑diugh an treas latha on a thachair na rudan seo.
Ach chuir iadsan ìmpidh air, ag ràdh, “Fan còmhla rinn, oir tha e faisg air an fheasgar is cha mhòr nach eil an latha seachad.” Agus chaidh e a‑steach airson fuireach còmhla riutha.
Agus thuirt iad ri chèile, “Nach robh ar cridheachan a' lasadh annainn fhad 's a bha e a' bruidhinn rinn air an t‑slighe, fhad 's a dh'fhosgail e dhuinn na Sgriobtaran?”
Agus dh'èirich iad san uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, far an d' fhuair iad an t‑aon fhear deug agus an fheadhainn a bha cuide riutha cruinn còmhla,
Coimheadaibh air mo làmhan agus air mo chasan, oir 's mi fhèin a th' ann. Làimhsichibh mi agus coimheadaibh, oir chan eil feòil is cnàmhan aig spiorad, mar a chì sibh a th' agamsa.”
An uair sin thuirt e riutha, “Is iad seo m' fhaclan‑sa a thuirt mi ribh fhad 's a bha mi fhathast còmhla ribh, gum feumadh a h‑uile sìon a tha sgrìobhte mum dheidhinn‑sa ann an Lagh Mhaois is anns na Fàidhean is anns na Sailm a bhith air a choileanadh.”