mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè agus a ghabh e an t‑aran coisrigte, agus a dh'ith e e, agus a thug e cuideachd e dhaibhsan a bha còmhla ris — rud nach eil ceadaichte ach dha na sagartan a‑mhàin?”
Rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire air, airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid, gus am faigheadh iad adhbhar airson casaid a chur na aghaidh.
Ach b' aithne dha an smuaintean agus thuirt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, “Èirich, agus seas a‑mach anns a' mheadhan.” Agus dh'èirich esan, agus sheas e.
An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Tha mise a' faighneachd dhuibh, a bheil e ceadaichte air an t‑Sàbaid math a dhèanamh no olc, beatha a shàbhaladh no a sgrios?”
Agus thàinig e a‑nuas leotha agus sheas e air àite còmhnard. Bha sluagh mòr dhe na deisciobail aige an sin agus buidheann mhòr de dhaoine o Iudèa uile agus Ierusalem agus o cheàrnaidh‑fairge Thìruis agus Shìdoin,
a bha air tighinn ga èisteachd agus airson a bhith air an leigheas on galaran. Agus iadsan a bha air am buaireadh le spioradan neòghlan, bha iad air an leigheas.
Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a dhùineas iad a‑mach sibh agus a bheir iad droch bheul dhuibh agus a dhiùltas iad mar olc ur n‑ainm, air sgàth Mhic an Duine.
“Dèanaibh‑se gàirdeachas anns an latha sin, agus leumaibh le aoibhneas, oir seallaibh, is mòr ur duais ann an nèamh. Oir is ann mar sin a rinn an athraichean ri na fàidhean.
“Agus ma ghràdhaicheas sibh iadsan a tha gur gràdhachadh, dè an seòrsa cliù a tha an sin dhuibh? Oir gràdhaichidh fiù 's peacaich iadsan aig a bheil gràdh dhaibh.
Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan o bheil dùil agaibh fhaighinn air ais, dè an seòrsa cliù a tha sin dhuibh? Tha fiù 's peacaich a' toirt iasad do pheacaich, airson 's gum faigh iad air ais an aon uiread.
Ach gràdhaichibh‑se ur nàimhdean, is dèanaibh math, is thugaibh iasad, gun dùil ri rud sam bith air ais, agus bidh ur duais mòr, is bidh sibh nur cloinn dhan Aon as Àirde, oir tha esan còir riuthasan a tha mì‑thaingeil agus olc.
Thoiribh, agus thèid toirt dhuibh. Deagh thomhas, air a bhruthadh sìos, air a chrathadh ri chèile is a' cur thairis, thèid a chur nur n‑uchd. Oir leis an tomhas a chleachdas sibh thèid a thomhas air ais dhuibh.”
No ciamar as urrainn dhut a ràdh rid bhràthair, ‘A bhràthair, leig leam an spealg a tha na do shùil a thoirt aiste,’ nuair nach eil thusa a' faicinn na sail a tha na do shùil fhèin? A bhreug‑chràbhaiche, an toiseach thoir an t‑sail às do shùil fhèin, agus an uair sin chì thu gu soilleir airson an spealg a thoirt à sùil do bhràthar.
Oir tha gach craobh air a h‑aithneachadh o a toradh fhèin. Oir cha chruinnich daoine fìgean o dhroighinn, agus cha mhotha a tha fìon‑dhearcan air am buain o dhris.
Bheir duine math math a‑mach à ionmhas math a chridhe, agus an duine olc olc a‑mach à ionmhas olc a chridhe. Oir a‑mach à pailteas a' chridhe bruidhinnidh a bheul.
Tha e coltach ri duine, a' togail taighe, a chladhaich sìos gu domhainn agus a shuidhich a' bhunait air a' chreig. Agus nuair a dh'èirich tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin ach cha b' urrainn dha a chrathadh, oir bha e air a thogail gu math.
Ach an neach a chluinneas m' fhaclan agus nach dèan iad, tha e coltach ri duine a thog taigh air an talamh gun bhunait. Nuair a bhuail an sruth gu dian air, anns a' bhad thuit e, agus bu mhòr sgrios an taighe sin.”