An uair sin ghabh Màiri mu leth liotair de dh'fhìor nàrd, acfhainn fìor chosgail, agus dh'ung i casan Ìosa agus thiormaich i a chasan le a falt. Chaidh an taigh a lìonadh le fàileadh cùbhraidh na h‑acfhainne.
Cha b' ann a chionn 's gun robh e fo chùram mu na bochdan a thuirt e seo, ach a chionn 's gum b' e mèirleach a bh' ann; bha an sporan aige agus bhiodh e a' togail leis na chaidh a chur ann.
Nuair a fhuair sluagh mòr dhe na h‑Iùdhaich a‑mach gun robh e an sin, thàinig iad, cha b' ann air sgàth Ìosa a‑mhàin, ach cuideachd airson Làsaras fhaicinn, a thog esan o na mairbh.
Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach ga choinneachadh, ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!” “Rìgh Israeil!”
Cha do thuig a dheisciobail na rudan seo aig an àm, ach nuair a chaidh Ìosa a ghlòrachadh, an uair sin chuimhnich iad gun robh na rudan seo sgrìobhte ma dheidhinn, agus gun deach na rudan seo a dhèanamh air a shon.
Mar sin thuirt na Pharasaich ri càch‑a‑chèile, “Tha sibh a' faicinn nach eil sibh a' buannachadh rud sam bith. Seallaibh, tha an saoghal air a dhol às a dhèidh!”
Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura tuit gràinne cruithneachd dhan talamh agus gum bàsaich i, fanaidh i na h‑aonar, ach ma bhàsaicheas i, bheir i a‑mach toradh mòr.
Ge b' e cò a ghràdhaicheas a bheatha, caillidh e i, agus esan a dh'fhuathaicheas a bheatha anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e i airson na beatha sìorraidh.
Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, feumaidh e mo leantainn; agus ge b' e àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbheiseach cuideachd. Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, bheir m' Athair urram dha.
Fhreagair an sluagh e, “Chuala sinne on lagh gum fan an Crìosd gu sìorraidh. Ciamar as urrainn dhutsa a ràdh gum feum Mac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?”
Thuirt Ìosa riutha, “Tha an solas nur measg airson ùine bhig fhathast. Coisichibh cho fada 's a tha an solas agaibh, airson 's nach beir an dorchadas oirbh. Oir an neach a tha a' coiseachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a' dol.
Cho fada 's a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas airson 's gun tig sibh gus a bhith nur cloinn de sholas.” Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh dh'fhalbh e, agus dh'fhalaich e e fhèin uapa.
Bha seo airson 's gum biodh am facal a thuirt am fàidh Isaiah air a choileanadh: “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd agus cò dha a bha gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh?”
“Tha e air an sùilean a dhalladh agus air an cridhe a dhèanamh cruaidh, airson 's nach faic iad len sùilean agus nach tuig iad len cridhe, agus nach tionndaidheadh iad 's gun slànaichinn‑sa iad.”
A dh'aindeoin sin, chreid mòran fiù 's dhen luchd‑riaghlaidh ann. Ach air sgàth nam Pharasach cha do dh'aidich iad e, airson 's nach deigheadh an cur a‑mach às an t‑sionagog;
“Ma chluinneas neach sam bith mo bhriathran‑sa, agus nach cùm e iad, chan eil mise a' toirt breith air. Oir cha tàinig mi airson breith a thoirt air an t‑saoghal, ach airson an saoghal a shaoradh.
An neach a tha gam dhiùltadh‑sa, agus nach eil a' gabhail rim bhriathran, tha aon ann a bheir breith air; am facal a thubhairt mi, bheir e breith air, air an latha dheireannach.