Cuiridh iad às an t‑sionagog sibh; dha‑rìribh tha an uair a' tighinn nuair a shaoileas ge b' e cò a mharbhas sibh gu bheil e a' tairgse seirbheis do Dhia.
Ach tha mi air na rudan seo a ràdh ribh airson 's, nuair a thig an uair, gun cuimhnich sibh gun do dh'innis mi dhuibh iad. Cha tuirt mi na rudan seo ribh on toiseach, a chionn 's gun robh mi còmhla ribh.”
Ach tha mi ag innse na fìrinn dhuibh: is ann gu ur buannachd a tha e gu bheil mise a' falbh. Oir mura falbh mi, cha tig an Neach‑Cuideachaidh thugaibhse; ach ma dh'fhalbhas mi, cuiridh mi esan thugaibh.
Ach nuair a thig esan, Spiorad na Fìrinn, treòraichidh e sibh a‑steach dha gach fìrinn. Oir cha bhruidhinn e uaithe fhèin; ach ge b' e dè a chluinneas e, canaidh e, agus cuiridh e an cèill dhuibhse na tha ri thighinn.
A h‑uile rud a th' aig an Athair, is ann leamsa a tha e; b' ann air an adhbhar sin a thuirt mi gun gabh e dhem chuid‑sa, agus gun cuir e an cèill dhuibhse e.
Mar sin thuirt cuid dhe a dheisciobail ri chèile, “Dè a tha seo a tha e ag ràdh rinn, ‘Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a‑rithist ùine bheag, agus chì sibh mi,’ agus ‘A chionn 's gu bheil mi a' dol gum Athair’?”
B' aithne do dh'Ìosa gun robh iad ag iarraidh a cheasnachadh; mar sin thuirt e riutha, “An e seo a bha sibh a' faighneachd nur measg fhèin, dè a bha mi a' ciallachadh nuair a thuirt mi, ‘Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a‑rithist ùine bheag, agus chì sibh mi’?
Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun dèan sibhse caoineadh is caoidh, ach nì an saoghal aoibhneas. Bidh sibhse brònach, ach tionndaidhidh ur bròn gu aoibhneas.
Nuair a tha leanabh aig boireannach, bidh i fo bhròn a chionn 's gu bheil a h‑uair air tighinn, ach nuair a tha i air an leanabh a' thoirt a‑steach dhan t‑saoghal, cha chuimhnich i air a h‑àmhghar tuilleadh, air sgàth an aoibhneis gun do rugadh leanabh a‑steach dhan t‑saoghal.
Mar sin, cuideachd, tha sibh brònach a‑nis, ach chì mise a‑rithist sibh agus nì ur cridhe aoibhneas, agus cha toir neach sam bith ur n‑aoibhneas uaibh.
Air an latha sin chan iarr sibh rud sam bith ormsa. Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e dè a dh'iarras sibh air an Athair nam ainm‑sa, gun toir e dhuibh e.
“Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh ann an samhlaidhean. Thig an uair anns nach bruidhinn mi tuilleadh ribh ann an samhlaidhean, ach innsidh mi gu soilleir dhuibh mun Athair.
A‑nis tha fios againn gur aithne dhut a h‑uile rud agus nach feum thu duine sam bith a bhith gad cheasnachadh; is ann air sgàth seo a tha sinn a' creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu.”
Seallaibh, tha uair a' tighinn, dha‑rìribh tha e air tighinn mu thràth, anns am bi sibh air ur sgapadh, gach aon gu a chuid fhèin. Fàgaidh sibh mise nam aonar. Ach chan eil mi nam aonar, oir tha an t‑Athair còmhla rium.
“Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson 's gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh. Ach biodh deagh mhisneachd agaibh! Thug mise buaidh air an t‑saoghal.”