Nuair a labhair Iosa na briathran seo, chaidh e maille ra dheisciobail thairis air sruth Chedroin, far an robh lios, don deachaidh e fhèin agus a dheisciobail.
An sin air do Iùdas buidheann agus maoir fhaotainn o na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich, thàinig e don àite sin le leusan, agus lòchrain, agus airm.
An sin air do Shìmon Peadar claidheamh a bhith aige, tharraing e e, agus bhuail e òglach an àrd-shagairt, agus gheàrr e a’ chluas dheas dheth. Agus b’e ainm an òglaich Malchas.
Agus lean Sìmon Peadar agus deisciobal eile Iosa. B’aithne don àrd-shagart an deisciobal sin, agus chaidh e a‑steach maille ri Iosa do chùirt an àrd-shagairt.
Ach sheas Peadar aig an doras an leth a‑muigh. Uime sin chaidh an deisciobal sin eile a b’aithne don àrd-shagart a‑mach, agus labhair e ris a’ bhan-dorsair, agus thug e Peadar a‑steach.
An sin thubhairt a’ bhanoglach a bha a’ gleidheadh an dorais ri Peadar, Nach ann de dheisciobail an duine seo thusa mar an ceudna? Thubhairt esan, Chan ann.
Agus bha na seirbhisich agus na maoir nan seasamh, air dhaibh teine guail a chur suas, oir bha am fuachd ann, agus bha iad gan garadh fhèin: agus bha Peadar na sheasamh maille riu, agus ga gharadh fhèin.
Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.
Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, bhuail aon de na maoir, a bha na sheasamh an làthair, a bhas air Iosa, ag ràdh, An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd-shagart?
Agus bha Sìmon Peadar na sheasamh agus ga gharadh. Uime sin thubhairt iad ris, Nach aon de a dheisciobail thusa mar an ceudna? Dh’àich esan, agus thubhairt e, Cha mhi.
An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.
An sin thubhairt Pilat riu, Gabhaibh-se e, agus thugaibh breith air a rèir ur lagha fhèin. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, Chan eil e ceadaichte dhuinne neach air bith a chur gu bàs:
Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.
Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth-sa.
Thubhairt Pilat ris, Ciod i an fhìrinn? Agus air dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rìs a‑chum nan Iùdhach, agus thubhairt e riu, Chan eil mise a’ faotainn coire air bith ann.