Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh chaidh e a‑mach còmhla ri a dheisciobail thairis air Gleann Chedroin, far an robh gàrradh, dhan deach e fhèin agus a dheisciobail a‑steach.
Mar sin, às dèidh do dh'Iùdas buidheann de shaighdearan agus de sheirbheisich fhaighinn o na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich, thàinig iad an sin le lanntairean, agus leusan, agus armachd.
An uair sin, a chionn 's gun robh claidheamh aig Sìmon Peadar, tharraing e e agus bhuail e seirbheiseach an àrd‑shagairt, agus gheàrr e a' chluas dheas dheth. (B' e ainm an t‑seirbheisich Malchus.)
Lean Sìmon Peadar agus deisciobal eile Ìosa. B' aithne dhan àrd‑shagart an deisciobal sin agus chaidh e a‑steach do chùirt an àrd‑shagairt còmhla ri Ìosa,
ach sheas Peadar a‑muigh, aig an doras. Mar sin, chaidh an deisciobal eile sin a b' aithne dhan àrd‑shagart a‑mach agus bhruidhinn e ris a' bhan‑dorsair agus thug e Peadar a‑steach.
A‑nis bha na tràillean agus na seirbheisich air teine guail‑fiodha a dhèanamh, a chionn 's gun robh i fuar, agus bha iad nan seasamh 's gam blàthachadh fhèin. Bha Peadar cuideachd na sheasamh còmhla riutha, agus ga bhlàthachadh fhèin.
Fhreagair Ìosa e, “Tha mise air bruidhinn gu follaiseach ris an t‑saoghal. Tha mi an‑còmhnaidh air teagasg anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far am bi na h‑Iùdhaich gu lèir a' tighinn còmhla. Agus cha tuirt mi rud sam bith gu dìomhair.
Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, bhuail aon dhe na seirbheisich, a bha na sheasamh faisg air làimh, Ìosa anns an aghaidh, ag ràdh, “An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd‑shagart?”
Fhreagair Ìosa esan, “Ma tha mi air bruidhinn gu ceàrr, thoir fianais mun rud a bha ceàrr. Ach ma tha na thubhairt mi ceart, carson a tha thu gam bhualadh?”
A‑nis bha Sìmon Peadar na sheasamh ga bhlàthachadh fhèin. Mar sin thuirt iad ris, “'S e aon dhe a dheisciobail a th' annadsa cuideachd, nach e?” Dh'àich esan e agus thuirt e, “Chan e.”
Thuirt aon de sheirbheisich an àrd‑shagairt, a bha càirdeach dhan fhear dhen do gheàrr Peadar a chluas, “Chunnaic mise thu anns a' ghàrradh còmhla ris, nach fhaca?”
An uair sin thug iad Ìosa o Chaiaphas gu prìomh‑àros an riaghladair. Bha e tràth sa mhadainn. Cha deach iad fhèin a‑steach dhan phrìomh‑àros, airson 's nach biodh iad air an truailleadh, ach gun deigheadh aca air a' Chàisg ithe.
Thuirt Pìlat riutha, “Gabhadh sibhse e agus thugaibh breith air a rèir ur lagha fhèin.” Thuirt na h‑Iùdhaich ris, “Chan eil e ceadaichte dhuinne neach sam bith a chur gu bàs.”
Fhreagair Ìosa, “Chan ann on t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd‑sa. Nam b' ann on t‑saoghal seo a bha mo rìoghachd, bha mo sheirbheisich air a bhith a' cogadh, airson 's nach deigheadh mo thoirt thairis dha na h‑Iùdhaich. Ach mar a tha, chan ann à seo a tha mo rìoghachd.”
An uair sin thuirt Pìlat ris, “Mar sin, 's e rìgh a th' annad?” Fhreagair Ìosa, “Tha thusa ag ràdh gur e rìgh a th' annam. Is ann air an adhbhar seo a rugadh mi agus air an adhbhar seo a tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal, airson 's gun toirinn fianais air an fhìrinn. Èistidh gach neach a tha dhen fhìrinn rim ghuth‑sa.”
Thuirt Pìlat ris, “Gu dè a th' anns an fhìrinn?” Agus às dèidh dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rithist gu na h‑Iùdhaich, agus thuirt e riutha, “Chan eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.
Ach tha cleachdadh agaibhse gun leiginn mu sgaoil duine dhuibh aig a' Chàisg. A bheil sibh mar sin ag iarraidh gun leiginn mu sgaoil Rìgh nan Iùdhach dhuibh?”