Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| An dèidh nan nithean sin dh’fhoillsich Iosa e fhèin a‑rìs da dheisciobail aig muir Thiberiais; agus air an dòigh seo nochd e e fhèin: |
| 2 |
| Bha maille ri chèile Sìmon Peadar, agus Tòmas den goirear Didimus, agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile de a dheisciobail. |
| 3 |
| Thubhairt Sìmon Peadar riu, Tha mise a’ dol a dh’iasgach. Thubhairt iadsan ris, Tha sinne a’ dol maille riut. Dh’imich iad a‑mach, agus chaidh iad a‑steach do luing air ball; agus cha do ghlac iad nì air bith an oidhche sin. |
| 4 |
| Ach nuair a bha a’ mhadainn a‑nis air teachd, sheas Iosa air an tràigh: gidheadh cha robh fhios aig na deisciobail gum b’e Iosa a bha ann. |
| 5 |
| An sin thubhairt Iosa riu, A chlann, a bheil biadh air bith agaibh? Fhreagair iadsan e, Chan eil. |
| 6 |
| Agus thubhairt esan riu, Tilgibh an lìon air an taobh a deas den luing, agus gheibh sibh. Thilg iad uime sin, agus a‑nis cha b’urrainn iad a tharraing airson lìonmhorachd an èisg. |
| 7 |
| Uime sin thubhairt an deisciobal sin, a b’ionmhainn le Iosa, ri Peadar, Is e an Tighearna a tha ann. A‑nis nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bha ann, cheangail e a chòt-uachdair uime (oir bha e lomnochd), agus thilg e e fhèin anns a’ mhuir. |
| 8 |
| Thàinig na deisciobail eile ann an luing bhig; (oir cha robh iad fada o thìr, ach mu thimcheall dà cheud làmh-choille), a’ tarraing an lìon èisg. |
| 9 |
| Uime sin nuair a thàinig iad air tìr, chunnaic iad grìosach an sin, agus iasg air a chur oirre, agus aran. |
| 10 |
| Thubhairt Iosa riu, Thugaibh an seo den iasg a ghlac sibh a‑nis. |
| 11 |
| Chaidh Sìmon Peadar suas, agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de èisg mhòra, ceud agus lethcheud agus trì: agus ged bha an uiread sin ann, cha do bhriseadh an lìon. |
| 12 |
| Thubhairt Iosa riu, Thigibh, gabhaibh ur dìnnear. Agus cha robh a chridhe aig aon de na deisciobail fheòraich dheth, Cò thusa? Oir dh’aithnich iad gur e an Tighearna a bha ann. |
| 13 |
| An sin thàinig Iosa, agus ghlac e aran, agus thug e dhaibh e, agus iasg mar an ceudna. |
| 14 |
| Is i seo a‑nis an treas uair a nochd Iosa e fhèin da dheisciobail, an dèidh dha èirigh o na mairbh. |
| 15 |
| An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain. |
| 16 |
| Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich. |
| 17 |
| Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich. |
| 18 |
| Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu òg, chrioslaich thu thu fhèin, agus dh’imich thu an taobh a bu mhiann leat: ach nuair a bhios tu aosmhor, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus crioslaichidh neach eile thu, agus bheir e thu an taobh nach àill leat. |
| 19 |
| Seo thubhairt e, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis leis an tugadh e glòir do Dhia. Agus air dha seo a ràdh, Thubhairt e ris, Lean mise. |
| 20 |
| An sin air do Pheadar tionndadh, chunnaic e an deisciobal a b’ionmhainn le Iosa, a’ leantainn; an tì mar an ceudna a laigh air uchd Iosa aig an t‑suipeir, agus a thubhairt ris, A Thighearna, cò e a bhrathas thu? |
| 21 |
| Air do Pheadar esan fhaicinn, thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, ciod a nì am fear seo? |
| 22 |
| Thubhairt Iosa ris, Mas àill leam-sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Lean thusa mise. |
| 23 |
| Uime sin chaidh an ràdh seo a‑mach am measg nam bràithrean, nach faigheadh an deisciobal sin bàs: gidheadh cha dubhairt Iosa ris nach faigheadh e bàs: ach, Mas i mo thoil-sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? |
| 24 |
| Is e seo an deisciobal a tha a’ dèanamh fianais air na nithean seo, agus a sgrìobh na nithean seo: agus tha fhios againne gu bheil a fhianais fìor. |
| 25 |
| Agus tha mar an ceudna mòran de nithean eile a rinn Iosa, agus nam biodh iad uile sgrìobhte, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fhèin na rachadh a sgrìobhadh de leabhraichean. Amen. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/john/021.mp3
21
21