An sin nuair a thog Iosa suas a shùilean, agus a chunnaic e gun tàinig buidheann mhòr shluaigh da ionnsaigh, thubhairt e ri Philip, Cia an t‑àit as an ceannaich sinn aran a‑chum gun ith iad seo?
Agus thubhairt Iosa, Thugaibh air na daoine suidhe sìos. A‑nis bha mòran feòir anns an àite. Air an adhbhar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh timcheall còig mìle.
Agus ghlac Iosa na buileannan, agus air tabhairt buidheachais dha roinn e air na deisciobail iad, agus na deisciobail orrasan a shuidh: agus mar an ceudna de na h‑èisg bheaga, a mheud is a b’àill leo.
Air an adhbhar sin chruinnich iad e ri chèile, agus lìon iad dà‑chliabh-dheug de spruilleach nan còig buileannan eòrna, a bha a dh’fhuidheall aig a’ mhuinntir a dh’ith.
Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar.
Uime sin nuair a rinn iad iomramh timcheall còig no deich-ar‑fhichead de stàidean, chunnaic iad Iosa ag imeachd air a’ mhuir, agus a’ druideadh ris an luing; agus ghabh iad eagal.
Air an là na dhèidh sin, nuair a chunnaic an sluagh a sheas air taobh eile na mara nach robh long eile an sin, ach an long sin anns an deachaidh a dheisciobail a‑steach, agus nach deachaidh Iosa anns an luing maille ra dheisciobail, ach gun d’fhalbh a dheisciobail nan aonar;
Uime sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin mar an ceudna ann am bàtaichean, agus thàinig iad gu Capernàum, ag iarraidh Iosa.
Fhreagair Iosa iad agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Tha sibh gam iarraidh, chan ann a chionn gum faca sibh na mìorbhailean, ach a chionn gun d’ith sibh de na buileannan, agus gun do shàsaicheadh sibh.
Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.
An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tug Maois dhuibh an t‑aran o nèamh; ach tha m’Athair-sa a’ toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh.
Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.
Agus is i seo toil an Athar a chuir uaithe mi, nach caillinn a’ bheag sam bith den uile a thug e dhomh, ach gun togainn suas e a‑rìs air an là dheireannach.
Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
Agus thubhairt iad, Nach e seo Iosa mac Iòseiph, neach aig an aithne dhuinn a athair agus a mhàthair? Cionnas mas eadh a tha e ag ràdh, Thàinig mi a‑nuas o nèamh.
Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair, thig e am ionnsaigh-sa.
Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail.
An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura ith sibh feòil Mac an Duine, agus mura òl sibh a fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh.
Mar a tha an t‑Athair beò a chuir uaithe mise, agus a tha mise beò tron Athair; is amhail sin esan a dh’itheas mise, bidh e mar an ceudna beò tromhamsa.
Is e seo an t‑aran sin a thàinig a‑nuas o nèamh; chan ann mar a dh’ith ur n‑athraichean mana, agus a fhuair iad bàs: esan a dh’itheas an t‑aran seo, bidh e beò am feasd.