Agus thàrladh, nuair a bha Apollos ann an Corintus, air do Phòl dol tro na crìochan uachdarach, gun tàinig e gu Ephesus. Agus air faotainn dheisciobal àraidh,
An sin thubhairt Pòl, Bhaist Eòin gu deimhinn le baisteadh an aithreachais, ag ràdh ris an t‑sluagh, iadsan a chreidsinn anns an neach a bha gu teachd na dhèidh-san, sin ri ràdh, ann an Iosa Crìosd.
Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.
Ach nuair a chruadhaicheadh cuid, agus nach do chreid iad, ach a labhair iad olc mun t‑slighe sin an làthair an t‑sluaigh, dh’fhàg e iad agus sgar e na deisciobail uapa, agus bha e gach là a’ deasbaireachd ann an sgoil neach àraidh dom b’ainm Tirannus.
Air chor is gun tugadh o a chorp-san a‑chum nan daoine tinne, nèapaiginean no aprain, agus gun d’fhalbh an easlaintean uapa, agus gun deachaidh na droch spioradan a‑mach asda.
Agus ghabh dream àraidh de na h‑Iùdhaich, a bha ag imeachd o àite gu àite, a’ cur spioraid fo gheasan, os làimh ainm an Tighearna Iosa ainmeachadh os cionn na muinntir sin anns an robh droch spioradan, ag ràdh, Cuireamaid fo gheasan sibh tre Iosa a tha Pòl a’ searmonachadh.
Agus leum an duine anns an robh an droch spiorad orra, agus air dha làmh-an‑uachdair fhaotainn orra, thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach as an taigh sin lomnochd agus reubte.
Agus fhuair na h‑Iùdhaich uile agus mar an ceudna na Greugaich a bha a’ tàmh ann an Ephesus fios air seo; agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Iosa air àrdachadh.
Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na lethcheud mìle bonn airgid.
Agus nuair a choileanadh na nithean seo, chuir Pòl roimhe na spiorad, an dèidh dha imeachd tro Mhacedònia, agus Achaia, dol gu Ierusalem, ag ràdh, An dèidh dhomh a bhith an sin, is èiginn dhomh an Ròimh fhaicinn mar an ceudna.
Oir bha ceàrd-airgid àraidh dom b’ainm Demetrius ann, a bha a’ dèanamh teampaill airgid do Dhiàna, agus a thug buannachd nach bu bheag don luchd-ceàirde:
Agus air dha iadsan a chruinneachadh an ceann a chèile, agus a’ mhuinntir eile a bha a dh’aon cheàird riu, thubhairt e, Fheara, tha fhios agaibh gur ann on cheàird seo a tha ar beartas againne:
Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan:
Air chor is nach e a‑mhàin gu bheil e an cunnart gun dèanar tàir air ar ceàird; ach mar an ceudna gun cuirear teampall na ban-dè mòire Diàna ann an suarachas, agus gun claoidhear a mòrachd-se, dom bheil an Asia uile agus an domhan a’ dèanamh adhraidh.
Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil.
Agus mar an ceudna chuir cuid de uachdarain na h‑Asia, a bha nan càirdean dha, fios da ionnsaigh, a’ guidhe air nach rachadh e gu àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh.
Ghlaodh uime sin cuid dhiubh aon nì, agus cuid nì eile: oir bha an coitheanal troimhe chèile, agus cha robh fhios aig a’ chuid a bu mhò carson a thàinig iad cuideachd.
Agus tharraing iad a‑mach Alecsander as an t‑sluagh, air a bhith do na h‑Iùdhaich ga iomain romhpa. Agus smèid Alecsander le a làimh, agus b’àill leis a leisgeul a ghabhail ris an t‑sluagh.
Agus nuair a chiùinich an clèireach an sluagh, thubhairt e, Fheara Ephesuis, cò an duine aig nach eil fhios gu bheil baile nan Ephèsianach a’ dèanamh adhraidh don bhan-dia mhòir Diàna, agus don dealbh a thuit a‑nuas o Iupiter?
Uime sin ma tha aig Demetrius agus aig an luchd-ceàird a tha maille ris, cùis an aghaidh neach air bith, tha an lagh rèidh dhaibh, agus tha uachdarain ann; agradh iad a chèile.
Oir tha sinn ann an cunnart a bhith air ar n‑agairt airson ceannairc air an là‑an‑diugh, do bhrìgh nach eil cùis sam bith againn a dh’fhaodas sinn a thoirt seachad mar adhbhar a’ chruinneachaidh seo.