Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.
Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.
Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.
Agus nuair a sheòl sinn gu mall rè mòran làithean, agus a thàinig sinn air èiginn fa chomhair Chnidais, a chionn nach do leig a’ ghaoth leinn, sheòl sinn fo Chrete, fa chomhair Shalmone;
Agus air do mhòran ùine dol seachad, nuair a bha seòladaireachd a‑nis cunnartach, a chionn gun deachaidh an trasgadh cheana seachad, chomhairlich Pòl iad,
Ag ràdh riu, Fheara, tha mi a’ faicinn gum bi an turas seo le dochann agus call mòr, chan ann a‑mhàin don luchd agus don luing, ach dar n‑anaman fhèin.
Agus a chionn gu robh an caladh neo-iomchaidh gus an geamhradh a chaitheamh ann, b’i comhairle na cuid a bu mhò seòladh as a sin mar an ceudna, agus nam faodadh iad air chor sam bith teachd gu Phenice, caladh de Chrete a tha ag amharc a‑chum an iar-dheas, agus an iar-thuath, agus fantainn rè a’ gheamhraidh an sin.
Agus air dhaibh a togail suas, ghnàthaich iad gach gleus còmhnaidh, a’ criosadh na luinge foidhpe; agus air dhaibh a bhith fo eagal gun tuiteadh iad anns a’ bheò-ghaineimh, leag iad na siùil, agus mar sin dh’iomaineadh iad.
Agus nuair nach robh a’ ghrian no na reultan rim faicinn rè mòran làithean, agus a laigh doineann nach bu bheag oirnn, thugadh an sin uainn gach uile dhòchas gun teasairgte sinn.
Ach air dhuinn a bhith fada nar trasg, an sin air seasamh do Phòl nam meadhon, thubhairt e, Fheara, bu chòir dhuibh mo chomhairle-sa a ghabhail, agus gun fhuasgladh o Chrete, agus an dochann agus an call seo a sheachnadh.
Ag ràdh, A Phòil, na biodh eagal ort; is èiginn dhut a bhith air do thoirt an làthair Chèasair: agus, feuch, thìodhlaic Dia dhut iadsan uile a tha a’ seòladh maille riut.
Agus nuair a bha an ceathramh-oidhche-deug air teachd, air dhuinn a bhith air ar n‑iomain a‑null agus a‑nall ann am muir Adria, mu mheadhon-oidhche b’i barail nam maraichean gu robh iad am fagas do thìr-eigin:
Agus air leigeadh na luaidhe sìos dhaibh, fhuair iad an doimhne fichead aitheamh; agus nuair a chaidh iad beagan air an aghaidh, leig iad sìos an luaidh a‑rìs, agus fhuair iad i na còig-aitheamh-deug.
An sin air dhaibh a bhith fo eagal gum buaileadh iad air ionadan garbha, thilg iad ceithir acraichean à deireadh na luinge, agus ghuidh iad an là a theachd.
Agus nuair a bha na maraichean air tì teicheadh a‑mach as an luing, agus a leig iad sìos am bàta don fhairge, a’ gabhail orra a bhith a’ tilgeadh a‑mach acraichean à toiseach na luinge,
Agus am feadh a bha an là a’ teachd, thug Pòl a chomhairle orra uile biadh a ghabhail, ag ràdh, Is e seo an ceathramh-là‑deug dhuibh a’ feitheamh, agus a’ fantainn nur trasg, gun bhiadh sam bith a ghabhail.
Agus air dha na nithean seo a labhairt, agus aran a ghlacadh, thug e buidheachas do Dhia nan làthair uile: agus air dha a bhriseadh, thòisich e ri ithe.
Agus nuair a bha an là air teachd, cha d’aithnich iad am fearann: ach thug iad an aire do gheodha àraidh aig an robh tràigh, anns an robh a mhiann orra, nam burrainn iad, an long a chur gu tìr.
Agus air togail nan acraichean dhaibh, leig iad ris an fhairge i, agus nuair a dh’fhuasgail iad ceanglaichean na stiùrach, agus a thog iad am prìomh-sheòl ris a’ ghaoith, sheòl iad a‑chum na tràighe.
Agus air tuiteam dhaibh ann an ionad àraidh far an do choinnich dà fhairge a chèile, bhuail iad an long air grunnd; agus air sàthadh da toiseach anns a’ ghrunnd, dh’fhan e gun charachadh, ach bhriseadh a deireadh le ainneart nan tonn.
Ach air don cheannard-ceud a bhith toileach Pòl a theasairginn, chùm e air ais on comhairle iad, agus dh’àithn e dhaibhsan dom b’aithne snàmh iad fhèin a thilgeadh anns a’ chuan air tùs, agus dol a‑mach air tìr:
Agus do chàch dh’àithn e cuid dhiubh a dhol air clàir, agus cuid eile air mìrean briste den luing: agus mar sin thàrladh gun deachaidh iad uile tèarainte gu tìr.