Fhreagair esan: A dhaoine a bhraithre, agus aithrichean, eisdibh: Thaisbean Dia na glorach e fhein dha ʼr n-athair Abraham, nuair bha e ann am Mesopotamia, mun do thuinich e ann an Caran,
An sin chaidh e mach á talamh nan Caldéanach, us thamh e ann an Caran. ʼS an deigh bàs athar, chuir e air imrich á sin e gus an talamh sam beil sibhse a nis a tamh.
ʼS cha tug e oighreachd dha ann, cha tug uibhir ʼs ceum coise: ach gheall e a thoirt ʼna sheilbh dha, agus dha shliochd ʼna dheigh, ʼs e fhathast gun mhac.
Us thuirt Dia ris: Gun tuinicheadh a shliochd ann an duthaich choigrich; ʼs gun dianadh iad traillean dhiu, ʼs gun dianadh iad droch càradh orra fad cheithir chiad bliadhna:
ʼS air a chinneadh, dha ʼn dian iad seirbhis, bheir mise binn, os an Tighearna; agus ʼnan deigh so theid iad a mach, us ni iad seirbhis dhomhsa san aite so.
Us thug e dhaibh cumhnant an timchioll-ghearraidh; ʼs mar sin ghineadh Isaac dha, us thimchioll-ghearr e e air an ochdamh latha, agus do Isaac ghineadh Iacob; agus do Iacob an dà phriomh-athair dhiag.
Agus liubhair e e bho chruaidh chàsan uile; ʼs thug e meas us gliocas dha an lathair Pharao righ na h-Eiphit, us dhʼorduich esan e ʼna uachdran air an Eiphit, agus air a thigh uile.
Chaith e so foill air a chinneadh againne, agus shàraich e ar n-aithrichean, a toirt orra an naoidheana chur a mach gus nach biodh iad air an cumail beo.
ʼS an ath latha dhʼ fhiach e e fhein dhaibh, ʼs iad a consachadh; agus bha e gan reiteachadh gu sith, a g-radh: A dhaoine, is braithrean sibh, car-son tha sibh a dochnadh a cheile?
Ach dhʼ ùp am fear, a rinn an eucoir air a choimhearsnach, air falbh e, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa na tʼ uachdran ʼs na dʼ bhritheamh fos ar cionn?
Us ghabh Maois, ri faicinn so, ioghnadh as an t-sealladh; ʼs air da tarruinn dluth gu beachd a ghabhail air, thainig guth an Tighearna ga ionnsuidh, a g-radh:
A faicinn chunnaic mi amhghar mo phobuill a tha san Eiphit, us chuala mi an osnaich, agus thainig mi nuas gus an saoradh. Agus a nis thig, us cuiridh mi do ʼn Eiphit thu.
ʼSa cheart Mhaois so, a dhiult iad, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa gu bhith na dʼ phrionns ʼs na dʼ bhritheamh? Esan chuir Dia, le laimh an aingil, a chunnacas leis sa phreas, gu bhith ʼna phrionns ʼs ʼna fhear-saoraidh.
Thug esan a mach iad, a dianamh mhiarailtean us chomharran an talamh na h-Eiphit, agus anns a Mhuir ruaidh, agus anns an fhasach fad dàfhichead bliadhna.
Se so esan a bha san eaglais anns an fhasach maille ris an aingeal, a labhair ris air sliabh Shina, us ri ʼr n-aithrichean, a fhuair facail na beatha gus an toirt dhuinne.
A g-radh ri Aaron: Dian diathan dhuinn a theid romhainn: oir a thaobh a Mhaois so, a thug a mach sinn á talamh na h-Eiphit, cha n-eil fhios againn ciod a dhʼ eirich dha.
Agus thionndaidh Dia, us thug e thairis iad gu aoradh a dhianamh do dhʼ armailt neamh, mar tha sgriobhte an leabhar nam faidh: Na thairg sibh tobhartasan agus iobairtean dhomhsa ré dhàfhichead bliadhna san fhasach, O thigh Israil?
ʼS ghabh sibh h-ugaibh paillion Mholoich, agus neul ur dè Rempham, iomhaighean a rinn sibh gu aoradh a thoirt daibh. Us cuiridh mi air fogradh sibh gu taobh thall Bhabiloin.
Bha paillion an teisteanais maille ri ʼr n-aithrichean anns an fhasach, mar a dhʼ òrduich Dia dhaibh, ʼs e labhairt ri Maois, gun dianadh e e a reir an t-samplair a bha e air fhaicinn.
ʼS ar n-aithrichean ga ghabhail, thug iad stigh e maille ri Iosa gu sealbh nan cinneach, a thilg Dia mach romh ghnuis ar n-aithrichean, gu laithean Dhài,
Tha sibhse, a dhaoine rag-mhuinealach, neo-thimchioll-ghearrte an cridhe ʼs an cluasan, daonnan a cur an aghaidh an Spioraid Naoimh; mar a rinn ur n-aithrichean, is amhuil sin sibhse cuideachd.
Co de na faidhean air nach dʼ rinn ur n-aithrichean geur-leanmhuinn? Agus mharbh iad an fheadhainn a dhʼ innis roimh laimh mu thighinn an Aon Naoimh, air a bheil sibhse a nis ʼnur brathadairean ʼs ʼnur murtairean;
Ach air dhasan, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, amharc gu durachdach suas gu neamh, chunnaic e gloir Dhe, Iosa ʼna sheasamh air deas laimh Dhe. Us thuirt e: Seall, tha mi faicinn neamh fosgailte, agus Mac an duine ʼna sheasamh air deas laimh Dhe.
ʼSa tuiteam air a ghluinean, dhʼ eigh e le guth ard, a g-radh: A Thighearna, na cuir am peacadh so as an leth. Agus nuair thuirt e so, chaidil e san Tighearna. Us bha Saul a g-aontachadh ri bhàs.