A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.
Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son-se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir.
A‑ghnàth a’ guidhe ann am ùrnaighean (nam faodainn a‑nis fa‑dheòidh air aon chor le toil Dhè turas soirbheachail fhaotainn), ri teachd dur n‑ionnsaigh-se.
Agus chan àill leam, a bhràithrean, e a bhith an an‑fhios dhuibhse gun do chuir mi romham gu minig teachd dur n‑ionnsaigh (ach bhacadh mi gus a seo), a‑chum gum faighinn toradh-eigin nur measg-se fòs, mar am measg nan Cinneach eile.
Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach.
Oir tha fearg Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mhì-dhiadhachd, agus eucoir dhaoine, a tha a’ bacadh na fìrinn ann an neo-fhìreantachd:
Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha a nithean-san nach faodar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so‑thuigsinn o na nithean a rinneadh; a‑chum gum biodh iad gun leisgeul aca:
Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach.
Agus chaochail iad glòir an Dè neo-thruaillidh gu dealbh a rinneadh cosmhail ri duine truaillidh, agus ri eunlaith, agus ainmhidhean ceithir-chasach, agus biasdan snàigeach.
Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbhis don chreutair nas mò na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.
Air a shon seo thug Dia thairis iad do ana-miannan gràineil: oir chaochail eadhon am mnathan an gnàthachadh nàdarra a‑chum a’ ghnàtha a tha an aghaidh nàdair:
Agus mar an ceudna na fir, air trèigsinn dhaibh gnàthachadh nàdarra na mnà, loisgeadh iad len togradh da chèile, fireannaich ri fireannaich ag obrachadh gràinealachd agus iad a’ faotainn dìol-thuarasdail an seachrain annta fhèin, mar a bu chòir.
Air dhaibh a bhith air an lìonadh den uile eucoir, strìopachas, olc, shannt, mhìorun: làn de fharmad, de mhortadh, de chonnsachadh, de cheilg, de dhroch-bheusan; nan luchd-cogarsaich,
Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.