Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
A‑nis tha mi ag ràdh, gu robh Iosa Crìosd na mhinistear an timcheall-ghearraidh airson fìrinn Dhè, a‑chum na geallaidhean a rinneadh do na h‑athraichean a dhaingneachadh:
Agus a‑chum gun tugadh na Cinnich glòir do Dhia airson a thròcair: a rèir mar a tha e sgrìobhte, Air an adhbhar seo aidichidh mi thu am measg nan Cinneach, agus seinnidh mi ceòl dod ainm.
Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh-se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.
Gidheadh, a bhràithrean, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh leis an tuilleadh dànadais, an càil-eigin, mar gun cuirinn an cuimhne sibh, airson a’ ghràis a thugadh dhòmhsa le Dia,
Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.
Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh,
Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.
Seadh, mar sin bha ro‑dhèidh agam air an soisgeul a shearmonachadh, chan ann anns an ionad anns an robh Crìosd air ainmeachadh, a‑chum nach togainn air bunait neach eile:
Ach a‑nis do bhrìgh nach eil agam ionad nas mò anns na crìochan seo, agus gu bheil mòr-thogradh agam o chionn mòran bhliadhnachan teachd dur n‑ionnsaigh-se;
Ge bè uair a thriallas mi don Spàin, thig mi dur n‑ionnsaigh; oir tha dùil agam sibhse fhaicinn anns an dol seachad, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh a‑chum an ionaid sin, ma bhios mi air tùs an càil-eigin air mo lìonadh le ur co‑luadar-se.
Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd-compàirt den nithean spioradail-san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn.
A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid, gun dèan sibh gleac maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia;