A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna-san, agus ar Tighearna-ne:
A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, tre ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, gun labhair sibh uile an t‑aon nì, agus nach bi roinnean nur measg; ach gum bi sibh ceangailte ri chèile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail.
Oir cha do chuir Crìosd mi a bhaisteadh, ach a shearmonachadh an t‑soisgeil; chan ann an gliocas facail, a‑chum nach cuirte crann-ceusaidh Chrìosd an neo-bhrìgh.
Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil deasbair an t‑saoghail seo? Nach do rinn Dia gliocas an t‑saoghail seo amaideach?
Oir nuair, ann an gliocas Dhè, nach b’aithne don t‑saoghal, tre ghliocas, Dia, bu toil le Dia le amaideachd an t‑searmonachaidh iadsan a thèarnadh a tha a’ creidsinn.
Oir chì sibh fhèin ur gairm, a bhràithrean, nach iomadh iad a tha glic a‑thaobh na feòla, nach iomadh cumhachdach, nach iomadh uasal a tha air an gairm:
Ach roghnaich Dia nithean amaideach an t‑saoghail seo, a‑chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice; agus roghnaich Dia nithean anfhann an t‑saoghail, a‑chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach;
Agus nithean an‑uasal an t‑saoghail, agus nithean tarcaiseach roghnaich Dia, agus na nithean nach eil ann, a‑chum gun cuireadh e na nithean a tha ann an neo-bhrìgh: