Na bithibh nur luchd‑iodhal‑adhraidh mar a bh' ann an cuid dhiubhsan; mar a tha e sgrìobhte, “Shuidh an sluagh sìos a dh'ithe 's a dh'òl agus dh'èirich iad a chluiche.”
A‑nis thachair na rudan seo dhaibh mar eisimpleirean, ach bha iad air an sgrìobhadh sìos airson ar teagasg‑ne, air a bheil deireadh nan linntean air tighinn.
Chan eil buaireadh sam bith air breith oirbh nach eil cumanta dhan duine. Tha Dia dìleas, agus cha leig e leibh a bhith air ur buaireadh thar ur comais, ach leis a' bhuaireadh bheir e cuideachd slighe airson teicheadh, airson 's gum faod sibh a bhith an comas fhulang.
An cupa beannachaidh a tha sinne a' beannachadh, nach e compàirteachadh ann am fuil Chrìosd a th' ann? An t‑aran a tha sinne a' briseadh, nach e compàirteachadh ann an corp Chrìosd a th' ann?
Chan eil, ach gu bheil na rudan a tha iad ag ìobradh air an ìobradh do dheamhain is chan ann do Dhia agus chan eil mi ag iarraidh gum bi sibh nur luchd‑compàirt de dheamhain.
Ma bheir aon dhe na h‑ana‑creidmhich cuireadh gu dinneir dhuibh agus gu bheil sibh ag iarraidh a dhol ann, ithibh ge b' e dè a th' air a chur mur coinneamh gun a bhith a' togail ceist air sgàth cogais.
Ach ma chanas cuideigin ribh, “Chaidh seo a thairgsinn ann an ìobairt,” mar sin na ithibh e, air sgàth an neach a dh'innis dhuibh, agus air sgàth cogais —
dìreach mar a bhios mise a' feuchainn ris a h‑uile neach a thoileachadh sa h‑uile rud a nì mi — chan ann a' sireadh mo bhuannachd fhèin ach buannachd nam mòran, airson 's gum bi iad air an sàbhaladh.