A‑nis tha mi gur moladh, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil cuimhne agaibh ormsa anns na h‑uile nithean, agus gu bheil sibh a’ coimhead nan òrdaighean, mar a thug mise dhuibh iad.
Ach gach bean a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a’ toirt eas-urraim da ceann: oir is ionnan sin agus ged bhiodh i air a bearradh.
Oir mura bi còmhdach air ceann na mnà, biodh i air a bearradh mar an ceudna: ach mas grànda do mhnaoi i a bhith air a bearradh no air a lomadh, cuireadh i còmhdach oirre.
A‑nis anns an nì seo a tha mi a’ cur an cèill dhuibh, cha mhol mi sibh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ teachd an ceann a chèile, chan ann a‑chum an nì as fheàrr, ach a‑chum an nì as miosa.
Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.
An e nach eil taighean agaibh a‑chum ithe agus òl annta? No a bheil sibh a’ dèanamh tàire air eaglais Dhè, agus a’ nàrachadh na muinntir aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh anns a’ chùis seo? Cha mhol.
Agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa a tha air a bhriseadh air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.
Uime sin, ge bè neach a dh’itheas an t‑aran seo, agus a dh’òlas cupan seo an Tighearna gu neo-iomchaidh, bidh e ciontach de chorp agus de fhuil an Tighearna.
Oir ge bè a dh’itheas agus a dh’òlas gu neo-iomchaidh, tha e ag ithe agus ag òl breitheanais dha fhèin, do bhrìgh nach eil e a’ dèanamh aithne air corp an Tighearna.
Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi.