Oir an tì a labhras ann an teangaidh choimhich, chan ann ri daoine a labhras e, ach ri Dia: oir chan eil neach sam bith ga thuigsinn; ged tha e anns an spiorad a’ labhairt rùintean diamhair.
Bu mhath leam gun labhradh sibh uile le teangaidhean, ach b’fheàrr leam sibh a dhèanamh fàidheadaireachd, oir is mò an tì a nì fàidheadaireachd na an tì a labhras le teangaidhean, mura eadar-theangaich e, a‑chum gum faigheadh an eaglais fòghlam.
A‑nis, a bhràithrean, ma thig mi dur n‑ionnsaigh a’ labhairt le teangaidhean, ciod an tairbhe a nì mi dhuibh, mura labhair mi ribh ann am foillseachadh, no an eòlas, no am fàidheadaireachd, no an teagasg?
Air an dòigh cheudna, na nithean gun bheatha a nì fuaim, mas pìob no clàrsach, mura dèan iad eadar-dhealachadh nam fuaimean, cionnas a thuigear an nì a sheinnear air a’ phìob no air a’ chlàrsaich?
Is amhail sin sibhse, mura labhair sibh leis an teangaidh briathran so‑thuigsinn, cionnas a dh’aithnichear an nì a labhrar? Oir is ann ris an adhar a labhras sibh.
Mar sin mar an ceudna sibhse do bhrìgh gu bheil dèidh agaibh air tìodhlacan spioradail, iarraibh sibh fhèin a thoirt barrachd a‑chum fòghlam na h‑eaglais.
Ciod mas eadh? Nì mi ùrnaigh leis an spiorad, agus nì mi ùrnaigh leis an tuigse mar an ceudna: seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi leis an tuigse mar an ceudna.
No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith-buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh?
Ach b’fheàrr leam còig facail a labhairt anns an eaglais lem thuigse, a‑chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mìle facal ann an teangaidhean coimheach.
Tha e sgrìobhte anns an lagh, Labhraidh mi ris a’ phoball seo ann an teangaidhean eile, agus le bilean eile: gidheadh an dèidh sin uile chan èisd iad rium, tha an Tighearna ag ràdh.
Uime sin tha teangaidhean coimheach nan comharradh, chan ann don dream a tha a’ creidsinn, ach dhaibhsan a tha mì‑chreidmheach: ach tha fàidheadaireachd chan ann air an son-san nach eil a’ creidsinn, ach air an son-san a tha a’ creidsinn.
Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile anns an aon àit, agus ma labhras iad uile le teangaidhean coimheach, agus gun tig dream a tha gun fhòghlam a‑steach, no daoine mì‑chreidmheach, nach abair iad gu bheil sibh air a’ chuthach?
Ach ma nì iad uile fàidheadaireachd, agus gun tig duine gun chreideamh a‑steach, no neach a tha gun fhòghlam, cronaichear e leis na h‑uile, agus bheirear breith air leis na h‑uile:
Agus mar sin tha nithean falaichte a chridhe air am foillseachadh; agus mar sin, air dha tuiteam air a aghaidh, nì e adhradh do Dhia, ag aithris gu bheil Dia gu fìrinneach annaibhse.
Ciod e sin, matà, a bhràithrean? Nuair a tha sibh a’ teachd an ceann a chèile, tha salm, tha teagasg, tha teanga, tha foillseachadh, tha eadar-theangachadh, aig gach aon agaibh. Dèanar na h‑uile nithean a‑chum fòghlaim.
Ma labhras aon neach ann an teangaidh choimhich, labhradh dithis, no air a’ chuid as mò triùir, agus sin an dèidh a chèile; agus dèanadh a h‑aon eadar-theangachadh.
Biodh ur mnathan nan tosd anns na h‑eaglaisean; oir chan eil e ceadaichte dhaibh labhairt; ach is còir dhaibh a bhith umhail, mar tha an lagh mar an ceudna ag ràdh.
Ma shaoileas duine sam bith gur fàidh, no gur duine spioradail e fhèin, aidicheadh e na nithean a tha mise a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur iad àitheantan an Tighearna.