Os bàrr, a bhràithrean, tha mi a’ cur an cèill dhuibh an t‑soisgeil a shearmonaich mi dhuibh, ris an do ghabh sibhse mar an ceudna, agus anns a bheil sibh nur seasamh;
Ach tre ghràs Dhè is mi an nì as mi: agus cha robh a ghràs, a bhuilicheadh orm, gun bhrìgh; ach shaothraich mi nas pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs Dhè a bha maille rium.
Seadh, fhuaireadh sinne nar fianaisean brèige air Dia; do bhrìgh gun do rinn sinn fianais a‑thaobh Dhè, gun do thog e suas Crìosd; neach nach do thog e suas, mura èirich na mairbh.
An sin bidh a’ chrìoch dheireannach, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia, eadhon an t‑Athair; nuair a chuireas e as do gach uile uachdaranachd, agus gach uile ùghdarras, agus chumhachd.
Oir chuir e na h‑uile nithean fo a chasan. Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e na h‑uile nithean fodha, is nì follaiseach gu bheil esan a chuir na h‑uile nithean fodha, an leth a‑muigh dheth seo.
Agus nuair a chuirear na h‑uile nithean fodha, an sin bidh am Mac fhèin fon Tì a chuir na h‑uile nithean fodhasan, a‑chum gum bi Dia na uile anns na h‑uile.
Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.
Chan aon fheòil gach uile fheòil: ach tha feòil air leth aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig iasg, agus feòil eile aig eunlaith.
Tha aon ghlòir aig a’ ghrèin, agus glòir eile aig a’ ghealaich, agus glòir eile aig na reultan; oir tha eadar-dhealachadh eadar reul agus reul a‑thaobh glòire.
A‑nis seo tha mi ag ràdh, a bhràithrean, nach faodar le feòil agus fuil rìoghachd Dhè a shealbhachadh; cha mhò a shealbhaicheas truaillidheachd neo-thruaillidheachd.
Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.
Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.