Às dèidh sin, nochd e e fhèin do bharrachd air còig cheud bràthair aig an aon àm, a' mhòr chuid dhiubh a tha beò gus a‑nis, ach tha cuid dhiubh air tuiteam nan cadal.
Ach tro ghràs Dhè is mi an nì a th' annam, agus cha robh a ghràs dham thaobh‑sa gun buaidh; ach shaothraich mi barrachd na iad uile, a dh'aindeoin sin cha bu mhise, ach gràs Dhè a tha còmhla rium.
Agus tha sinne air ar faighinn nar fianaisean brèige air Dia, a chionn 's gun tug sinn fianais a thaobh Dhè, gun do thog e suas Crìosd — am fear nach do thog e suas, mura h‑eil na mairbh air an togail suas.
An uair sin thig an deireadh, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia an t‑Athair, nuair a chuireas e às dhan a h‑uile riaghaltas agus dhan a h‑uile h‑ùghdarras is cumhachd.
Oir “chuir e a h‑uile sìon fo smachd — fo a chasan.” Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e “a h‑uile sìon” fo smachd, tha e follaiseach gu bheil esan a chuir a h‑uile sìon fo smachd air leth on a seo.
Nuair a thèid a h‑uile sìon a chur fo a smachd, an uair sin bidh am Mac fhèin fo smachd an Aoin a chuir a h‑uile sìon fo a smachd‑san, airson 's gum bi Dia nan uile anns na h‑uile.
No, dè a nì iadsan a chaidh a bhaisteadh airson nam marbh? Mura h‑eil na mairbh air an togail suas idir, carson mar sin a tha iad air am baisteadh air an son?
Mas ann a rèir dòchais dhaonna a rinn mi sabaid ri beathaichean fiadhaich ann an Ephesus, dè a' bhuannachd a th' agam? Mura h‑eil na mairbh air an togail an‑àirde, “Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.”
Agus an nì a chuireas tu, chan e an corp a bhios ann a chuireas tu, ach gràinne lom, faodaidh e a bhith de chruithneachd, no de sheòrs air choreigin eile.
Chan e an aon fheòil a th' anns a h‑uile feòil, ach tha aon fheòil aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig eòin, agus feòil eile aig èisg.
Tha aon ghlòir aig a' ghrèin, agus glòir eile aig a' ghealaich, agus glòir eile aig na rionnagan; oir tha rionnag eadar‑dhealaichte o rionnaig eile a thaobh glòire.
Mar a bha esan dèante on ùir, mar sin cuideachd tha iadsan dèante on ùir, agus mar a tha an duine nèamhaidh, mar sin cuideachd tha iadsan a tha nèamhaidh.
A‑nis tha mi ag ràdh seo, a bhràithrean, nach urrainn do dh'fheòil is do dh'fhuil rìoghachd Dhè a shealbhachadh, cha mhotha a shealbhaicheas truaillidheachd neo‑thruaillidheachd.
ann an tiota, ann am priobadh na sùla, aig an trompaid dheireannach. Oir sèididh an trompaid, agus thèid na mairbh a thogail neo‑thruaillidh, is thèid sinne ar n‑atharrachadh.
Ach nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo‑thruaillidheachd air, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo‑bhàsmhorachd air, an uair sin thèid am facal a tha sgrìobhte a choileanadh, “Chaidh am bàs a shlugadh suas ann am buaidh.”
Mar sin, mo bhràithrean gràdhaichte, bithibh daingeann, neo‑ghluasadach, an‑còmhnaidh a' meudachadh ann an obair an Tighearna, is fios agaibh nach eil ur saothair dìomhain san Tighearna.