Uime sin na tugaibh breth romh ʼn àm, gus an tig an Tighearna: bheir esan am fradharc nichean diomhair an dorchadais, mar-aon agus soilleirichidh e comhairlean chridheachan; ʼs an sin bithidh moladh aig gach neach bho Dhia.
Ach thionndaidh mi, a bhraithrean, na nichean so gam ionnsuidh fhein agus; Apollo ann an samhla air ur sonsa; gus sibh a dhʼ ionnsachadh bhuainn, gun a h-aon a bhith air a sheideadh suas an aghaidh fir air son fir eile, fos cionn na tha sgriobhte:
Oir co tha ga dʼ chomharrachadh-sa mach? No ciod a thʼ agad nach dʼ fhuair thu? Agus ma fhuair, ciod h-uige tha thu dianamh uaille mar nach bitheadh tu air faighinn?
Tha sibh a nis lan-riaraichte, tha sibh a nis beairteach: tha sibh a righeachadh as ar n-aonais-ne: agus dhuraiginn gun righicheadh sibh, los gun righicheadh sinne maille ribh.
Oir tha mi saoilsinn gun do chuir Dia sinne na h-ostail a mach mar dhiù an t-sluaigh, mar dhaoine orduichte gubàs: oir rinneadh culaidh-bhuirt dhinn do ʼn t-saoghal, ʼs do dhʼ ainglean, ʼs do dhaoine.
Tha sinn n-ar n-amadain air son Chriosta, ach tha sibhse glic ann an Criosta; tha sinn lag, ach sibhse laidir; tha sibhse urramach, ach sinne gun urram.
Agus tha sinn ri saothair a g-obair le ʼr lamhan fhein; thathas ga ʼr molluchadh, us tha sinn a beannachadh; tha sinn fo gheur-leanmhuinn, us tha sinn ga ghiulan;
Oir ged a bhiodh deich mile fear-teagaisg agaibh ann an Criosta, cha n-eil moran aithrichean: oir ann an Iosa Criosta tromh ʼn t-soisgeul ghin mise sibh.
Air son so chuir mi h-ugaibh Timoti, mo mhac ro ionmhuinn agus dileas anns an Tighearna; a bheir gu ʼr cuimhne mo dhoighean, a tha ann an Iosa Criosta, mar tha mi teagasg ʼs gach eaglais anns a h-uile aite.
Ach thig mi h-ugaibh gu goirid, ma se toil an Tighearna; agus bithidh fios agam cha n-ann air labhairt na feadhnach, a tha air an seideadh suas, ach air an cumhachd.