Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.
Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.
Oir nan dèanadh an neach a thig Iosa eile a shearmonachadh nach do shearmonaich sinne, no nam faigheadh sibhse spiorad eile nach d’fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, dh’fhaodadh sibh gu math giùlan leis.
Ach ged tha mi neo-fhòghlaimte ann an cainnt, gidheadh chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach rinneadh sinn làn-fhollaiseach anns na h‑uile nithean nur measg-se.
An do rinn mi cionta le mi fhèin ìsleachadh a‑chum gum biodh sibhse air ur n‑àrdachadh, no a chionn gun do shearmonaich mi soisgeul Dhè an asgaidh dhuibh?
Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.
Ach an nì a tha mi a’ dèanamh, nì mi fhathast e, a‑chum gun toir mi air falbh cion-fàth uapasan lem bu mhiann cion-fàth fhaotainn, a‑chum anns an nì as a bheil iad a’ dèanamh uaill, gum faighear iad eadhon mar sinne.
Uime sin cha nì mòr e ged chuirear a mhinistearan mar an ceudna ann an cruth ministearan na fìreantachd; aig am bi an crìoch dheireannach a rèir an obrach.
Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh.
Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas-urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna.
An Eabhraidhich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An Israelich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An sliochd do Abrahàm iad? Mar sin tha mise mar an ceudna:
Am ministearan do Chrìosd iad? (tha mi a’ labhairt mar dhuine mì‑chèillidh). Tha mise os an cionn anns an nì seo: ann an saothairean nas pailte, ann am buillean thar tomhas, ann am prìosanan nas trice, ann am bàsan gu minig.
Ann an turasan gu minig, ann an gàbhadh aibhnichean, ann an cunnartan fhear-reubainn, ann an cunnartan om chinneach fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan anns a’ bhaile, ann an cunnartan anns an fhàsach, ann an cunnartan anns an fhairge, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;