Oir tha mi eudmhor mur deidhinn le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal‑pòsaidh eadar sibhse is aon fhear, airson 's gum faodainn ur nochdadh mar òigh fhìorghlan do Chrìosd.
Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a chuilbheartan, gum bi ur n‑inntinnean‑se air an treòrachadh air seachran o shìmplidheachd is fìorghlaine do Chrìosd.
Oir ma thig neach eile is gun searmonaich e Ìosa eile nach do shearmonaich sinne, no ma gheibh sibh spiorad eile nach d' fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, tha sibh ga fhulang gu math.
Ach fiù 's ma tha mi mì‑sgileil ann an cainnt, a dh'aindeoin sin chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach, sa h‑uile dòigh tha sinn air a h‑uile sìon a dhèanamh follaiseach dhuibhse.
No an do pheacaich mi le bhith gam irioslachadh fhèin airson 's gum biodh sibhse air ur n‑àrdachadh, a chionn 's gun do shearmonaich mi soisgeul Dhè dhuibh an‑asgaidh?
Is nuair a bha mi an làthair còmhla ribh 's ann an dìth, cha robh mi nam eallach do neach sam bith; oir sholair na bràithrean a thàinig o Mhacedònia mo dhìth, agus sa h‑uile sìon chùm mise mi fhèin on a bhith nam eallach dhuibh, agus leanaidh mi orm.
Ach na tha mi a' dèanamh, nì mi e, airson 's gun geàrr mi an cothrom uapasan a tha a' miannachadh cothrom a bhith aca a bhith dìreach mar a tha sinne, san rud mum bheil iadsan a' bòstadh.
Mar sin chan eil e na rud mòr sam bith ma tha a sheirbheisich cuideachd gan cur fhèin ann an riochd sheirbheisich na fìreantachd — aig am bi an crìoch a rèir an obrach.
A‑rithist tha mi ag ràdh, na saoileadh neach sam bith gu bheil mi amaideach; ach ma shaoileas, gabhaibh rium mar amadan, airson 's gun dèan mise cuideachd beagan bòstaidh.
Oir fulaingidh sibh e ma nì cuideigin tràillean dhuibh, no ma dh'itheas cuideigin sibh, no ma ghabhas cuideigin brath oirbh, ma dh'àrdaicheas cuideigin e fhèin, ma bhuaileas cuideigin air an aghaidh sibh.
Mo nàire, feumaidh mi a ràdh gu bheil sinne cuideachd air a bhith lag. Ach, ge b' e dè an seagh sa bheil neach sam bith eile dàna — tha mi a' bruidhinn gu h‑amaideach — tha mise a cheart cho dàna cuideachd.
An e seirbheisich Chrìosd a th' annta? (Tha mi a' bruidhinn mar dhuine air chuthach.) Is motha na sin mise: ann am barrachd shaothairean, ann am prìosanan tòrr nas trice, air mo dhochann tursan gun àireamh, agus gu tric faisg air a' bhàs.
Trì tursan chaidh mo bhualadh le slatan. Aon uair chaidh mo chlachadh. Trì tursan dh'fhulaing mi long‑bhriseadh; latha is oidhche bha mi san doimhneachd.
Is tric a bha mi air turais, ann an cunnartan o aibhnichean, ann an cunnartan o ghadaichean, ann an cunnartan o mo chinneadh fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan sa bhaile, ann an cunnartan san fhàsach, ann an cunnartan aig muir, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;