B’aithne dhomh duine ann an Crìosd ceithir-bliadhna-deug roimhe seo (mas ann anns a’ cholainn, chan fhios dhomh; no as a’ cholainn, chan fhios dhomh; aig Dia tha fhios); a leithid sin de dhuine thogadh a‑chum an treas nèimh.
Oir ged b’àill leam uaill a dhèanamh, cha bhi mi am amadan; oir labhraidh mi an fhìrinn: gidheadh tha mi a’ cumail orm fhèin, air eagal gum bi meas aig duine orm thar mar tha e gam fhaicinn, no a’ cluinntinn umam.
Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.
Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.
Uime sin tha mi a’ gabhail tlachd ann an anfhainneachdan, ann am masladh, ann an uireasbhaidhean, ann an geur-leanmhainnean, ann an teanntachdan airson Chrìosd: oir nuair a tha mi lag, an sin tha mi làidir.
Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho-èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni.
Gu deimhinn dh’obraicheadh comharraidhean abstoil nur measg-se anns gach uile fhoighidinn, ann an comharraidhean agus ann an iongantais, agus ann an cumhachdan.
Oir ciod an nì anns an robh sibh na bu lugha na eaglaisean eile, mura e nach do leig mi fhèin mo throm oirbh? Thugaibh maitheanas dhomh anns an eucoir seo.
Feuch, tha mi ullamh a‑nis an treas uair gu teachd dur n‑ionnsaigh; agus cha chuir mi mo throm oirbh; oir chan e ur cuid a tha mi ag iarraidh, ach sibh fhèin: oir chan eil e mar fhiachan air a’ chloinn ionmhas a chruinneachadh fa chomhair nam pàrantan, ach air na pàrantan fa chomhair na cloinne.
Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.
Ghuidh mi air Tìtus dol dur n‑ionnsaigh, agus chuir mi bràthair maille ris: an do rinn Tìtus buannachd dhibh? Nach do ghluais sinn anns an aon spiorad? Agus anns na h‑aon cheuman?
A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim-se.
Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:
Air eagal, nuair a thig mi a‑rìs, gun ìslich mo Dhia mi nur measg, agus gun dèan mi caoidh airson mòran den dream a pheacaich cheana, agus nach do ghabh aithreachas den neòghlaine, agus strìopachas, agus mhacnas, a rinn iad.