Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a‑chum nan naomh a tha ann an Ephesus, agus nan creidmheach ann an Iosa Crìosd: |
| 2 |
| Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Iosa Crìosd. |
| 3 |
| Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd; |
| 4 |
| A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo-choireach, na làthair-san ann an gràdh: |
| 5 |
| A ro‑òrdaich sinn a‑chum uchd-mhacachd na cloinne tre Iosa Crìosd dha fhèin, a rèir deagh-ghean a thoile, |
| 6 |
| A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach: |
| 7 |
| Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis; |
| 8 |
| Anns an robh e ro‑phailt dhuinn anns an uile ghliocas, agus thuigse; |
| 9 |
| A dh’fhoillsich dhuinn rùn-diamhair a thoile, a rèir a dheagh-ghean fhèin a rùnaich e ann fhèin: |
| 10 |
| A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan; |
| 11 |
| Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin; |
| 12 |
| Ionnas gum bitheamaid-ne, a chuir air tùs dòchas ann an Crìosd, a‑chum cliù a ghlòire-san. |
| 13 |
| Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh: |
| 14 |
| Neach as e geall-daingnich ar n‑oighreachd-ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh a‑chum cliù a ghlòire. |
| 15 |
| Uime sin air cluinntinn dhòmhsa mar an ceudna ur creideamh-se anns an Tighearna Iosa, agus ur gràdh do na naoimh uile, |
| 16 |
| Chan eil mi a’ sgur de bhith a’ toirt buidheachais air ur son, a’ luaidh oirbh ann am ùrnaighean; |
| 17 |
| Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan; |
| 18 |
| Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh; |
| 19 |
| Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt; |
| 20 |
| A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh, |
| 21 |
| Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna: |
| 22 |
| Agus chuir e na h‑uile nithean fo a chasan, agus thug e e gu bhith na cheann os cionn nan uile nithean don eaglais, |
| 23 |
| A tha na corp aige, lànachd an tì a tha a’ lìonadh nan uile nithean anns na h‑uile. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/ephesians/001.mp3
6
1