Is iad seo na briathran a labhair Maois ri Israel uile, air an taobh seo de Iòrdan anns an fhàsach, anns a’ chòmhnard fa chomhair na mara ruaidhe, eadar Paran, agus Tophel, agus Làban, agus Haserot, agus Disahab.
Agus anns an dà‑fhicheadamh bliadhna, anns an aon-mhìos-deug, air a’ chiad là den mhìos, labhair Maois ri cloinn Israeil, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha dan taobh;
Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes.
Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh.
Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd-riaghlaidh am measg ur treubhan.
Agus dh’àithn mi dur britheamhan anns an àm sin, ag ràdh, Eisdibh ris na cùisean a bhios eadar ur bràithrean, agus thugaibh breith cheart eadar gach duine agus a bhràthair, agus an coigreach a tha maille ris.
Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh-sa, agus èisdidh mise rithe.
Agus nuair a dh’fhalbh sinn o Hòreb, chaidh sinn tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin uile, a chunnaic sibh air slighe sliabh nan Amorach, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn; agus thàinig sinn gu Cadeis-barnea.
Feuch, chuir an Tighearna do Dhia am fearann romhad, imich suas, sealbhaich e, a rèir mar a thubhairt an Tighearna Dia d’athraichean riut; na biodh eagal ort, agus na biodh faitcheas ort.
Agus thàinig sibh am fagas dhòmhsa, gach aon agaibh, agus thubhairt sibh, Cuireamaid daoine romhainn, agus rannsaicheadh iad a‑mach dhuinn am fearann, agus thugadh iad fios dar n‑ionnsaigh a‑rìs ciod an t‑slighe air an tèid sinn suas, agus ciod na bailtean gus an tig sinn.
Agus ghabh iad nan làimh de thoradh an fhearainn, agus thug iad a‑nuas e dar n‑ionnsaigh-ne, agus thug iad fios dhuinn a‑rìs, agus thubhairt iad, Is math am fearann a tha an Tighearna ar Dia a’ tabhairt dhuinn.
Agus rinn sibh gearan nur bùthan, agus thubhairt sibh, A chionn gum b’fhuathach leis an Tighearna sinn, thug e a‑mach sinn à tìr na h‑Eiphit, gu ar toirt thairis do làimh nan Amorach, a chur as dhuinn.
Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.
Agus anns an fhàsach, far am faca tu cionnas a ghiùlain an Tighearna do Dhia thu, mar a ghiùlaineas duine a mhac, anns an t‑slighe sin uile air an deachaidh sibh, gus an tàinig sibh don àite seo.
A dh’imich romhaibh anns an t‑slighe, a rannsachadh a‑mach àite dhuibh gus ur bùthan a shuidheachadh ann, ann an teine anns an oidhche, a nochdadh dhuibh ciod an t‑slighe air an imicheadh sibh, agus ann an neul anns an là.
Saor o Chàleb mac Iephuneh; chì esan e, agus dhàsan bheir mi am fearann air an do shaltair e, agus da chloinn, a chionn gun do lean e an Tighearna gu h‑iomlan.
Agus ur leanabanan, a thubhairt sibh gum biodh iad nan creich, agus ur clann, aig nach robh anns an là ud eòlas air math seach olc, thèid iadsan a‑steach an sin, agus dhaibhsan bheir mi e, agus sealbhaichidh iad e.
An sin fhreagair sibh agus thubhairt sibh rium, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna, thèid sinn suas agus cogaidh sinn, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn. Agus chrioslaich sibh oirbh gach fear agaibh a airm-chogaidh, agus bha sibh ullamh gu dol suas don t‑sliabh.
Agus thubhairt an Tighearna rium, Abair riu, Na rachaibh suas, agus na cogaibh, oir chan eil mise nur measg; air eagal gum buailear sibh an làthair ur naimhdean.
Mar seo labhair mi ribh, agus chan èisdeadh sibh, ach rinn sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna; agus chaidh sibh gu h‑an‑dàna suas don t‑sliabh.
Agus thàinig na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh anns an t‑sliabh sin, a‑mach nur n‑aghaidh, agus ruaig iad sibh mar a nì beachan, agus chuir iad as dhuibh ann an Seir, eadhon gu Hormah.