a' cuimhneachadh air obair ur creideimh, agus saothair ur gràidh, agus leanaltas ur dòchais nar Tighearna Ìosa Crìosd, fa chomhair ar Dia 's ar n‑Athair.
oir cha tàinig ar soisgeul‑ne thugaibhse ann am facal a‑mhàin, ach cuideachd ann an cumhachd, agus san Spiorad Naomh, agus le mòran dearbhaidh, eadhon mar a tha fios agaibh air dè an seòrsa dhaoine a bh' annainne nur measg agus air ur son.
Agus thàinig sibh gu bhith nur luchd‑leanmhainn dhuinne, agus dhen Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann an trioblaid mhòir, le aoibhneas an Spioraid Naoimh;
Oir uaibhse tha facal an Tighearna air aithris, chan ann a‑mhàin ann am Macedònia agus Achaia, ach sa h‑uile àite dhan deach ur creideamh ann an Dia a‑mach, air chor 's nach eil feum againne air rud sam bith a ràdh.
Oir tha iad fhèin a' dèanamh aithris air an t‑seòrsa fàilte a fhuair sinne uaibhse, agus mar a thionndaidh sibh gu Dia o iodhalan, gus seirbheis a dhèanamh dhan Dia a tha beò agus fìor,