Agus tha sinn a sparradh oirbh, a bhraithrean, an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, gun dealaich sibh ris a h-uile brathair, a tha gabhail roimhe gu mi-riaghailteach, agus nach ann a reir a bhial-aithris, a fhuair iad bhuainne.
Cha mhua dhʼ ith sinn aran duine air bith a nasgaidh, ach le obair ʼs le sgios chuir sinn ri saothair, a dhʼ oidhche ʼsa latha, eagal costus a chur air duine agaibh.
Oir chuala sinn gum beil cuid ʼnur measg, a tha mi-riaghailteach ʼnan dol-a-mach, gun a bhith ri obair sa bith, ach a buntuinn gu neònach ri gnothaichean dhaoine eile.
A nis tha sinn a sparradh air a leithid de dhʼ fheadhainn, ʼsa griosad orra tromh ʼn Tighearna Iosa Criosta, iad a chur ri obair le sith, ʼs an aran fhein ithe.
Agus ma tha duine sa bith ann, nach eil umhailt dha ʼr facal-ne san litir so, comharraichibh an duine sin, ʼs na cumaibh cuideachda ris, los gum bi e air a narachadh: