Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.
Oir, cò dhe na h‑ainglean ris an tuirt e riamh, “Is tusa mo mhac; an‑diugh ghin mi thu”? Agus a‑rithist, “Bidh mise nam Athair dha, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa”?
Bha gaol agad air fìreantachd agus bha fuath agad do dh'aingidheachd; mar sin, dh'ung Dia do Dhia thu le ola a' mhòr‑aoibhneis os cionn do chompanaich.”
Agus mar chleòc pasgaidh tu iad, mar bhad aodaich, bithidh iad air an atharrachadh cuideachd. Ach is tusa an neach ceudna agus chan fhàilnich do bhliadhnaichean.”