×

Tiomnadh Nuadh 2017

Eabhraidhich 10

1
Oir tha sgàil nan rudan matha a tha ri thighinn anns an lagh — chan e fìor‑chumadh nan rudan sin fhèin. Oir leis na h‑aon ìobairtean a tha iad a' tairgsinn an‑còmhnaidh a h‑uile bliadhna, chan eil e comasach an fheadhainn a tha an làthair a dhèanamh foirfe.
2
No, nach biodh iad air sgur a' dhèanamh na h‑ìobairtean, a chionn 's, bhon a bha an luchd‑adhraidh air an glanadh, nach biodh tuigse aca tuilleadh gu robh iad nam peacaich?
3
Ach, anns na h‑ìobairtean sin, tha cuimhneachan air peacaidhean a h‑uile bliadhna.
4
Oir, tha e do‑dhèanta do dh'fhuil tharbh 's ghobhar peacaidhean a thoirt air falbh.
5
Mar sin, nuair a tha e a' tighinn chun an t‑saoghail, tha Crìosd ag ràdh: “Ìobairt agus tabhartas, cha robh mi ag iarraidh, ach dh'ullaich thu corp dhòmhsa;
6
ann an ìobairtean‑loisgte agus tabhartasan‑pheacaidh cha robh tlachd agam.
7
An uair sin thuirt mi, ‘Seall, tha mi air tighinn — mar a tha e sgrìobte mum dheidhinn ann an rolla an leabhair — a dhèanamh do thoil, a Dhè.’”
8
Nuair a tha e ag ràdh gu h‑àrd, “Cha robh thu ag iarraidh ìobairtean agus tabhartasan, ìobairtean‑loisgte agus tabhartasan‑pheacaidh agus cha robh tlachd agad annta” (a tha air an tairgsinn a rèir an lagha),
9
an uair sin thuirt e, “Seall, tha mi air tighinn airson do thoil a dhèanamh.” Tha e a' cur às dhan chiad tè gus an dara tè a stèidheachadh,
10
agus tha sinne air ar naomhachadh leis an toil seo, tro thairgsinn chuirp Ìosa Crìosd aon uair is gu sìorraidh.
11
Agus tha a h‑uile sagart a' seasamh gach latha a' frithealadh agus gu tric a' tairgsinn nan aon ìobairtean nach urrainn peacaidhean a thoirt air falbh a‑chaoidh.
12
Ach esan, às dèidh dha aon ìobairt a thairgsinn airson pheacaidhean gu sìorraidh, shuidh e sìos air deas‑làimh Dhè,
13
a' feitheamh ris an àm nuair a bhios a nàimhdean air an dèanamh nan stòl‑chas fo a chasan.
14
Oir le aon ìobairt, rinn e foirfe gu sìorraidh iadsan a th' air an naomhachadh.
15
Agus tha an Spiorad Naomh cuideachd a' toirt fianais dhuinn. Oir às dèidh dha a ràdh:
16
“S e seo an cùmhnant a nì mi riutha às dèidh nan làithean sin, ars an Tighearna. Bheir mi mo laghannan dhan cridheachan, agus dhan inntinnean agus sgrìobhaidh mi orra iad.”
17
An uair sin tha e ag ràdh: “Agus cha chuimhnich mi air an cuid pheacaidhean is chiontan tuilleadh.”
18
Agus far a bheil mathanas dhaibh sin, chan eil ìobairt tuilleadh ann airson a' pheacaidh.
19
Mar sin, a bhràithrean, on a tha dànachd againn gus a dhol a‑steach dhan àite naomh tro fhuil Ìosa,
20
air slighe ùr is bheò a choisrig e dhuinne tron chùrtair, 's e sin fheòil fhèin,
21
agus on a tha sagart mòr againn thairis air taigh Dhè,
22
rachamaid dlùth le cridhe fìor, ann an làn earbsa a' chreideimh le cridheachan air an crath‑ghlanadh o dhroch chogais, agus ar cuirp air an nighe le uisge glan.
23
Gleidheamaid gu daingeann aideachadh ar dòchais gun a bhith eadar dà bharail, oir tha esan a thug an gealladh dìleas.
24
Agus gabhamaid an aire dha chèile gus gràdh agus deagh obraichean a bhrosnachadh,
25
gun dearmad a chur air cruinneachadh còmhla, mar a tha e na chleachdadh aig feadhainn, ach a' toirt misneachd dha chèile, agus sin a' meudachadh a rèir 's mar a chì sibh an latha a' dlùthachadh.
26
Oir ma pheacaicheas sinn gu toileach às dèidh dhuinn eòlas fhaighinn air an fhìrinn, chan eil ìobairt airson pheacaidhean tuilleadh ann,
27
ach dùil eagalach ri breitheanas agus teine eudmhor a dh'itheas suas na nàimhdean.
28
Chaidh neach sam bith a dhiùlt lagh Mhaois a chur gu bàs gun tròcair air teisteanas dhithis no thriùir.
29
Nach ann nas miosa a shaoileas sibh a bhios am peanas a tha freagarrach dhàsan a shaltair Mac Dhè fo a chasan, a thruaill fuil a' chùmhnaint leis an deach a naomhachadh agus a thàmailtich Spiorad a' ghràis?
30
Oir is aithne dhuinne esan a thuirt, “Buinidh dìoghaltas dhòmhsa, agus dìoghlaidh mise,” agus a‑rithist, “Bheir an Tighearna breith air a shluagh.”
31
'S e rud eagalach a th' ann tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.
32
Ach cuimhnichibh air na làithean a dh'fhalbh, nuair a chaidh sibh tro dheuchainn mhòr‑fhulangais às dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh:
33
uaireannan le bhith a' dol tro mhaslaidhean is thrioblaidean gu poblach agus uaireannan eile le bhith nur companaich dhaibhsan ris an deach dèiligeadh san dòigh sin.
34
Oir bha co‑fhaireachadh agaibh do phrìosanaich, agus ghabh sibh le gàirdeachas ri creachadh ur cuid, agus deagh fhios agaibh gu bheil maoin nas fheàrr 's nas maireannaiche agaib' fhèin.
35
Mar sin, na tilgibh air falbh ur dànadas oir tha ath‑dhìoladh mòr na chois.
36
Oir tha feum agaibh air fulangas airson duais ur geallaidh fhaighinn às dèidh toil Dhè a dhèanamh.
37
Oir ann an ùine glè ghoirid: “Thig esan a tha ri thighinn agus cha dèan e dàil.
38
Ach bidh am fìrean beò tro chreideamh annamsa. Agus ma thionndaidheas e air ais, cha bhi tlachd aig m' anam ann.”
39
Ach cha bhuin sinne dhan fheadhainn sin a thionndaidheas air ais gu sgrios, ach dhan fheadhainn aig a bheil creideamh airson beatha a ghleidheadh.
Gaelic Bible (ATN) 2017
Comann Bhìoball na h‑Alba 2017 Scottish Bible Society 2017
:
Save Notes