×

Tiomnadh Nuadh 2017

Eabhraidhich 11

1
A‑nis 's e creideamh cinnt nan rudan ris a bheil dòchas againn, dearbhadh air na rudan nach fhaic sinn.
2
Oir 's ann troimhe a fhuair na sinnsirean teisteanas.
3
Tro chreideamh, tha sinne a' tuigsinn gun deach na saoghail a chruthachadh le facal Dhè airson 's gun tuig sinn nach deach na tha ri fhaicinn a chruthachadh o na tha faicsinneach.
4
Tro chreideamh, thairg Abel ìobairt na b' fheàrr do Dhia na rinn Càin, agus troimhpe chaidh cliù a thoirt dha mar dhuine ceart agus thug Dia seo dha mar thoradh air a thiodhlaicean, agus tro chreideamh, ged a fhuair e bàs, tha e fhathast a' bruidhinn.
5
Tro chreideamh, chaidh Enoch a thoirt suas airson 's nach fhaiceadh e bàs, agus cha robh e ri fhaighinn a chionn 's gu robh Dia air a thoirt suas: oir, mus deach a thoirt suas, fhuair e teisteanas gun do thoilich e Dia gu mòr.
6
Gun chreideamh, tha e do‑dhèanta a thoileachadh; oir feumaidh an neach a thig thuige creidsinn gu bheil e ann, agus gun toir e duais dhaibhsan a shireas e gu dìcheallach.
7
Tro chreideamh, fhuair Nòah rabhadh mu rudan nach deach fhaicinn fhathast, agus gu h‑urramach thog e àirc airson a theaghlach a shàbhaladh. Le seo, dhìt e an saoghal agus chaidh a dhèanamh na oighre air an fhìreantachd a tha a rèir a' chreideimh.
8
Tro chreideamh, nuair a chaidh Abrahàm a ghairm gus falbh a‑mach gu àite a bha e dol a dh'fhaighinn mar oighreachd, rinn e ùmhlachd agus dh'fhalbh e a‑mach gun fhios aige càit a robh e a' dol.
9
Tro chreideamh, dh'fhuirich e mar choigreach ann an tìr a' gheallaidh, mar ann an dùthaich chèin, a' còmhnaidh ann am pàilleanan còmhla ri Ìsaac is Iàcob, co‑oighreachan an aon gheallaidh.
10
Oir bha e a' feitheamh air baile le bunaitean, air a bheil Dia na dhealbhadair agus na fhear‑togail.
11
Tro chreideamh, fhuair Sàra fhèin, a bha neo‑thorrach, an comas sliochd a bhith aice, ged a bha i seachad air aois chloinne a bhith aice, a chionn 's gun do mheas i fìrinneach esan a rinn an gealladh.
12
Mar sin, thàinig gu bith, o aon duine, agus esan an ìre mhath gus a bhith marbh, sliochd a bha cho lìonmhor 's a tha reultan nèimh agus do‑àireamh mar ghainmheach tràighe na mara.
13
Fhuair iadsan uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaighinn, ach chunnaic 'ad iad fad' às agus ghabh iad riutha, ag aideachadh gu robh iad nan luchd‑cuairt agus nan coigrich air thalamh.
14
Oir tha an fheadhainn a bhruidhneas mar seo a' foillseachadh gu bheil iad a' sireadh an dùthaich fhèin.
15
Agus nan robh iad a' smaoineachadh air an tìr às an tàinig iad, bhiodh iad air cothrom fhaighinn airson tilleadh.
16
Ach bha iad a' miannachadh tìr na b' fheàrr, 's e sin, tìr nèamhaidh. Mar sin, chan eil nàire air Dia a bhith air ainmeachadh mar an Dia acasan; oir dh'ullaich esan baile dhaibh.
17
Tro chreideamh, nuair a chaidh a dhearbhadh, thairg Abrahàm suas Ìsaac, agus bha esan a fhuair na geallaidhean a' tairgsinn suas aonghin mhic,
18
ged a chaidh a ràdh ris, “Ach tro Ìsaac bidh do shliochd air ainmeachadh.”
19
Bha e am beachd gu robh Dia comasach eadhon air a thogail o na mairbh, oir, a' bruidhinn gu samhlachail, fhuair e air ais e.
20
Tro chreideamh, a thaobh nan rudan a bha ri tighinn, bheannaich Ìsaac Iàcob agus Esau.
21
Tro chreideamh, nuair a bha e a' bàsachadh, bheannaich Iàcob gach fear dhe na mic aig Iòsaph, agus rinn e adhradh 's a chuideam air bàrr a bhata.
22
Tro chreideamh, agus e a' bàsachadh, thug Iòsaph iomradh air dol a‑mach chlann Israil agus thug e òrdugh mu na cnàmhan aige.
23
Tro chreideamh, nuair a rugadh Maois, chaidh a chur air falach fad thrì mìosan le a phàrantan, oir chunnaic iad gu robh am pàiste brèagha; agus cha robh eagal aca o òrdugh an rìgh.
24
Tro chreideamh, nuair a dh'fhàs e mòr, dhiùlt Maois gun deigheadh mac nighean Phàraoh a thoirt air.
25
Roghnaich e àmhghar fhulang còmhla ri sluagh Dhè seach toileachas a' pheacaidh a bhith aige airson greis.
26
Mheas e gu robh masladh Chrìosd na bheairteas na bu motha na ionmhas na h‑Èipheit, oir bha e a' coimhead ris an ath‑dhìoladh.
27
Tro chreideamh, dh'fhàg e an Èipheit gun eagal air ro fhearg an rìgh; oir lean e air mar gun robh e a' faicinn an Aoin a bha neo‑fhaicsinneach.
28
Tro chreideamh, ghlèidh e a' Chàisg agus dòrtadh na fala, airson 's nach beanadh am fear a bha a' sgrios nan ciad‑ghin riutha.
29
Tro chreideamh, chaidh iad tron Mhuir Ruadh mar gum b' ann tro thalamh tioram, ach nuair a dh'fheuch na h‑Èipheitich air seo a dhèanamh, chaidh am bàthadh.
30
Tro chreideamh, thuit ballachan Iericho sìos nuair a bha iad air an cuartachadh fad sheachd latha.
31
Tro chreideamh, cha deach Rahab, an strìopach, a sgrios còmhla ris na h‑ana‑creidmhich, nuair a ghabh i ris na beachdairean le sìth.
32
Agus dè an còrr a chanas mi? Oir chan eil ùine agam innse mu Ghideon, mu Bharac is cuideachd mu Shamson is mu Iephtah, mu Dhaibhidh agus cuideachd mu Shamuel, agus mu na fàidhean,
33
feadhainn, tro chreideamh, a cheannsaich rìoghachdan, a chuir ceartas an gnìomh, a fhuair geallaidhean, a dhùin beòil leòmhan,
34
a mhùch cumhachd teine, a fhuair air falbh o fhaobhar a' chlaidheimh, a fhuair neart o laigse, a dh'fhàs làidir ann an cogadh agus a chuir ruaig air armailtean choimheach.
35
Fhuair boireannaich air ais na mairbh aca tro aiseirigh, agus bha feadhainn eile air am pianadh, a' diùltadh a bhith air an saoradh airson aiseirigh na b' fheàrr fhaighinn.
36
Dh'fhuiling feadhainn eile cuideachd fanaidean is sgiùrsaidhean, agus fiù 's ceanglaichean is prìosanachadh.
37
Chaidh an clachadh, chaidh an sàbhadh às a chèile, bhàsaich iad leis a' chlaidheamh, bha iad a' dol mun cuairt ann an craiceannan chaorach agus ann an craiceannan ghobhar, ann an uireasbhaidh, air an ànradh agus air an droch‑làimhseachadh —
38
cha robh an saoghal airidh orra, a' siubhal ann am fàsaichean, air beanntan, ann an uamhan agus ann an tuill san talamh.
39
Agus ged a fhuair iad seo uile cliù tron chreideamh aca, cha d' fhuair iad na chaidh a ghealltainn,
40
on a bha Dia air rudeigin na b' fheàrr a sholarachadh air ar son, gus nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe às ar n‑aonais.
Gaelic Bible (ATN) 2017
Comann Bhìoball na h‑Alba 2017 Scottish Bible Society 2017
:
Save Notes