Biodh cuimhne agaibh air prìosanaich mar gum biodh sib' fhèin ceangailte còmhla riutha, agus air an fheadhainn a tha fo àmhghar on a tha bodhaigean agaib' fhèin.
Biodh urram aig na h‑uile dhan phòsadh agus chan eil an leabaidh‑pòsaidh ri bhith air a truailleadh, oir nì Dia breitheanas air luchd‑strìopachais agus luchd‑adhaltranais.
Gum biodh ur caitheamh‑beatha saor o ghaol air airgead, bithibh toilichte leis na th' agaibh, oir thuirt esan: “Chan fhàg mise thu, agus cha trèig mi thu.”
Na bithibh air ur toirt air seachran le teagasgan a tha caochlaideach is coimheach; oir tha e math dhan chridhe a bhith air a neartachadh le gràs, agus chan ann le biadhan nach do rinn feum dhaibhsan a chleachd iad.
Oir tha cuirp nan ainmhidhean — aig a bheil am fuil air a toirt a‑steach dhan ionad naomh airson tairgse‑pheacaidh leis an àrd‑shagart — air an losgadh air taobh a‑muigh a' champa.
Thoiribh feart dhur ceannardan agus bithibh umhail dhaibh, oir tha iadsan a' gabhail cùram dhur n‑anman oir bheir iad cunntas orra, airson 's gun tèid aca air sin a dhèanamh le aoibhneas 's chan ann le mulad; oir cha bhiodh seo gu sìon a bhuannachd dhuibh.
Guidhibh‑se air ar son‑ne, oir tha sinn cinnteach gu bheil deagh chogais againn, agus tha sinn a' miannachadh ar beatha a chur seachad gu math sa h‑uile sìon.
gur coileanadh leis gach rud math airson a thoil a dhèanamh, ag obrachadh nar measg na tha taitneach fa chomhair‑san, tro Ìosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir fad saoghal nan saoghal. Amen.